Main content

An lof ruadh le gràn

An lof ruadh le gràn aig Ramsay MacMahon

1 spàin-tì trèicil

350ml uisge flodach

10g beirm a tha luath ag obrachadh

350g flùr le gràin

110g flùr geal làidir airson aran

50g sìol, leithid neòinean-grèine, puimcean, cashew

10g sìol charabhaigh

110g coirce

Ola chruinn-ola

Sìol airson mullach na lofa

Measgaich an stuth tioram còmhla – an dà sheòrsa flùr, coirce, sìol, carabhaigh agus beirm.

An uair sin, ann an siuga, cuir deagh làn spàin-tì de thrèicil dhan uisge theth agus leig leis uile leaghadh còmhla. Dòirt seo a-steach, beag air bheag, dhan stuth tioram agus measgaich gus an tig e uile còmhla. Tha an taois a-nis deiseil airson obrachadh.

Tha thu ag obrachadh na taoise le bhi ga phutadh bhuat le do bhois, an uairsin ga phasgadh ri chèile, ga thionnadh, agus ga obrachadh a-rithist. Lean ort mar seo son suas ri cairteal na h-uarach gus am bi an taois mìn, sùbailte.

Nuair a tha an taois air atharrachadh agus air at, agus a’ leum air ais nuair a bhrùthas tu do chorrag oirre, tha i deiseil airson a dhol dhan tiona. Cuir suathadh de dh’ola air tiona (lof) dà phunnd. Roilig an taois agus cuir dhan tiona i le còmhdach clingfilm. Feumar suathadh de dh’ola a chuir air an clingfilm cuideachd airson dèanamh cinnteach nach steig an taoise. Fàg an lof airson co-dhiù uair a thìde gus am bi am meudachd air dùblachadh. An uair sin cuir suathadh de dh’ugh air a bhualadh air a h-uachdar agus crathadh de shìol neòinean-grèine.

Bruich an lof anns an àmhainn airson 40 mionaid aig teas 180C.