Main content
Na tortan sùibh-chraoibh
Na tortan sùibh-chraoibh is coconut aig Màiri
Na tortan sùibh-chraoibh is coconut aig Màiri
Pastraidh ‘shortcrust’

2 unnsa siùcar
2 unnsa ìm
2 unnsa coconut
Silidh sùibh-chraoibh
Roilig a-mach an taois agus geàrr suas e ann an 6 cearcaill mhòra. Cuir na cearcaill phastraidh air treidhe airson bonnaich bheaga. Cuir spàin-tì de shilidh air bonn gach cèis phastraidh.
Ann an bobhla, buail an t-siùcar agus ìm còmhla. An uair sin dòirt a-steach an coconut agus measgaich gu math. Cuir spàin-tì mòr dhen seo air uachdar an silidh. Tha na tortan deiseil airson bruich ann an àmhainn aig teas 160C airson 20 mionaid.