Cèic Teòclaid is Leann-Dorcha
A' Chèic:

250ml leann-dorcha
250g ìm gun salainn, air a ghearradh
300g siùcar
75g pùdar còco
150ml iogart Greugach
2 ugh
1 spàinn-mhòr faoineige
275g flùr plèan
2 ½ spàinn-tì sòda-arain
Teasaich an àmhainn gu 180C. Lìnig tiona-cèic 9 òirlich a mheud.
Dòirt an leann-dorcha ann am pana mòr, cuir an t-ìm ris agus teasaich air a shocair gus an leagh e. Thoir am pana far an teas agus cuir an còco is an siùcar ris, a' bualadh a h-uile rud ri chèile. Ann am bobhla, buail na h-uighean, iogart agus vanilla ri chèile agus an uair sin dòirt na tha sa phana dhan bhobhla agus measgaich còmhla. Mu dheireadh, buail am flùr agus sòda dhan chòrr.
Dòirt seo dhan tiona agus cuir dhan àmhainn fad trì chairteal na h-uaireach. Leig leis fuarachadh anns an tiona.
An Còmhdach:
150g siùcar pùdarach
150g ìm gun salainn
420g càise bog
Airson a’ chòmhdaich, buail an t-ìm agus an siùcar còmhla. Nuair a tha am measgachadh mìn, cuir a’ chàise ris a’ bualadh gus am bidh an còmhdach soilleir agus aotrom.
Cuir an cèic fuar air soitheach no truinnsear, agus smeur an còmhdach air feadh mullach a’ chèic.