Main content

Sgonaichean Hama agus Cuirseid aig Màiri

Na reasabaidhean bhon t-sreath

Na Sgonaichean Hama agus Cuirseid aig Màiri

8 unnsaichean min-fhlùir a dh’èireas

Salann & piobar

2 unnsa ime

Cuirseid air a bhleith

2 shlis hama (air a ghearradh ann am pìosan beaga)

½ spàin-tì oregano

Ugh

¼ pinnt bainne

Suath an t-ìm ‘s am min-fhlùir a-staigh còmhla. Cuir ris a’ chuirseid, hama agus an oregano. Ann an siuga, measgaich aon ugh a-steach dhan bhainne agus an uairsin dòirt sin a’ steach dhan fhlùir (ach cuir gu aona taobh làn spàin-bhùird dhan ugh is bainne). Nuair a tha sin uile air tighinn còmhla, cuir an taois a-mach air clàr air a bheil crathadh de mhin-fhlùir. Bidh an taois feumach air beagan fuine. An uairsin roilig a-mach i agus geàrr suas ann an cearcallan. Cleachd bruis bheag airson suathadh dhan bhainne is ugh a chur air mullach na sgonaichean.

Bruich ann an àmhainn aig teas 220 airson 10 mionaidean.