Main content
Sgonaichean Àmhainn
Na reasabaidhean bhon t-sreath
Na Sgonaichean Àmhainn aig Teenie NicChoinnich
1 ugh

8 unnsaichean min-fhlùir a dh’èireas
3 unnsaichean ime
1 unnsa siùcar mìn
4 spàinean-bùird de bhainne
¼ spàin-tì cream of tartar
1/8 spàin-tì sòda-arain
Measgaich còmhla an stuth tioram. Suath an t-ìm a-steach dhan mhin-fhlùir.
Ann an siuga, measgaich aon ugh a-steach dhan bhainne. Dòirt na tha seo dhan bhobhla agus measgaich a h-uile sian gus an tig e còmhla.
Cuir an taois a-mach air clàr air a bheil crathadh de fhlùIr. Bidh an taois feumach air beagan fuine. An uair sin roilig a-mach i agus geàrr ann an cearcallan.
Bruich anns an àmhainn aig teas 200C son 10 mionaidean.