Main content

An Traybake aig Màiri

An Traybake aig Màiri

8 unnsaichean teòclaid bainne

4 unnsaichean ìm

3 spàinean-bùird siorap

Cuir na tha seo am broinn pana agus leig leis leaghadh air teas gu math ìosal.

Nuair a tha e air leaghadh, cuir ris 8 unnsaichean digestives air am pronnadh agus 10 unnsaichean maltesers air am pronnadh.

Cuir seo am broinn clàr-abhainn air an deach suathadh ime. Leig leis fuarachadh anns an fhuaradair airson co-dhiù dà uairean a thìde.

Nuair a tha e air fuarachadh, leagh 8 unnsaichean teòclaid geal agus dòirt seo air a mhuin. Sgeadaich an cèic le maltesers air am pronnadh.