An quiche adag smocte
An quiche adag smocte aig Màiri-Anna NicChoinnich
Am Pastraidh

4 unnsaichean flùr plèan
2 unnsa ìm
3 spàinean-bhùird uisge
Cuir am flùr agus an t-ìm dhan bhobhla agus geàrr suas an t-ìm na bhìdeagan le sgian. Suath an t-ìm a-steach dhan fhlùir agus dòirt a-steach steall uisge – dìreach gu leòr airson a h-uile sian a thoirt còmhla. Cuir an taois dhan fhuaradair airson mu leth-uair. An uair sin, bidh an taois deiseil airson roiligeadh a-mach.
Roilig a-mach an taois ann an cumadh cearcall agus tog an taois dhan t-soitheach agad (soitheach 6 òirlich). Sgioblaich suas na h-oirean. Cuir seo air ais dhan fhuaradair airson 5 mionaidean, an uairsin cuir pònair-fuadain air an taois agus bruich anns an àmhainn aig teas 180-190C airson 10 mionaidean. An uairsin tha am pastraidh agad deiseil airson a lìonadh.
A’ lìonadh an quiche
Adag smocte (air a phoidsigeadh ann am bainne)
Measgachadh de lusan, leithid spring onion, tomàto, asparag, soilire.
100ml uachdar
Iogart nàdarra
2 bhuidheagan uighe
1 ugh
Tarragon – rud beag
Ìm
Ola
Thoir an craiceann far an tomàto agus geàrr suas na lusan agus an t-iasg ann am bìdeagan. Fraighig na lusan airson beagan mhionaidean ann an rud beag ìm agus ola. Cuir an t-iasg agus an uair sin na lusan air bonn a’ phastraidh.
Ann an soitheach, measgaich suas an t-uachdar, an iogart, na h-uighean agus an tarragon. Dòirt seo air an t-iasg agus na lusan gus an lìon thu suas a’ chèis phastraidh.
Bruich anns an àmhainn aig teas 180C airson leth-uair.