Main content

Na Bonnaich Churran aig Kirsteen (às aonais cruithneachd is bainne na bà)

Na Bonnaich
1 spàin-tì sòda arain
2 spàin-tì caineal
10 unnsa flùr èirigh gun chruithneachd
1 ugh
3 fl unnsa ola
3fl unnsa bainne sòighea
4 unnsa siùcar
12 unnsa curran (air am bleith)

An Còmhdach
3 unnsa margarine
9 unnsa siùcar còmhdach
Spàin-bùird sùgh mhalpais

Cuir an soda, am flùr is a’ chaineal ri chèile tro shìolachan.

Buail an t-ugh còmhla ris an ola, am bainne agus an t-siùcar. Cuir ann na currain agus cuir mun cuairt.

Dòirt an stuth fliuch am measg an stuth tioram agus measgaich gu math.

Roinn seo am measg cèisean muffin (tha gu leòr ann airson dusan) agus bruich san àmhainn aig teas 180C airson mu 15 gu 20 mionaid.

Leig leotha fuarachadh gu math mus cuir thu còmhdach orra.

Airson an còmhdach, buail an toiseach an t-ìm gus am bi e bog. An uairsin cuir ann leth dhen t-siùcar agus buail a-rithist. Mu dheireadh cuir ann an sùgh mhalpais agus an còrr dhen t-siùcar agus buail gus an tig e ri chèile na mheasgachadh uachdrach. Sgaoil seo air muin gach bonnach.