Cèic Marmoir
An Cèic Marmoir aig Calina NicDhòmhnaill
6 unnsa flùr-èirigh
6 unnsa siùcar mìn
6 unnsa margarain no ìm bog
2 spàin-tì trèicil
2 spàin-tì de phùdar custard
½ spàin-tì de chaineal
½ spàin-tì de spìosraidhean measgaichte
¼ spàin-tì de chnò-mheannt

Còmhdach
2 unnsa ìm cruaidh
2 unnsa siùcar ruadh
2 spàin-bhùird de bhainne
3 unnsa pùdar icing
½ spàin-tì brìgh vanilla
Ann am bobhla mòr cuir am flùr tron t-sìolachan agus cuir ris an t-siùcar, am margarain agus trì uighean air am bualadh. Measgaich seo gu math.
Cuir an treas cuid gu aon taobh ann am bobhla eile agus ris a sin cuir dà làn spàin-tì de thrèicil, dà spàin-tì de phùdar custard agus ½ spàin-tì de chaineal, ½ spàin-tì de spìosraidhean measgaichte agus ¼ spàin-tì de chnò-mheannt. Buail seo uile ri chèile gus an tig dath snog ruadh air.
Nis, cuir làn spàin mhòr de gach measgachadh fear ma seach, bàn agus ruadh, ann an tiona cruinn seachd òirleach. Cho luath ‘s a tha bonn an tiona air a còmhdachadh cùm ort a’ cur am measgachadh, fhathast spàin ma seach, air uachdar seo a’ dèanamh cinnteach gu bheil thu a’ cur spàin dhen mheasgachadh ruadh air uachdar am fear bàn agus am fear bàn air uachdar am fear ruadh.
Tarraing sgian tron tiona a’ dèanamh cumadh cearcaill troimhe. Chan eil thu ag iarraidh seo a dhèanamh ach aon turas. ‘S e seo a bheir coltas màrmoir air a chèic.
Cuir seo dhan àmhainn aig Gas 4 neo 180C airson mu thrì chairteal na h-uarach gu uair a thìde. Ma tha e bruich ro luath cuir pàipear air uachdar.
Airson a chòmhdach “fudge” a dhèanamh cuir an t-ìm, an t-siùcair agus am bainne ann am pana agus leig leis leaghadh. Cuir suas an teas gus an goil e ach na toir cus bruich dha no bi caramel agad. Bheir far an teas e agus cuir ris am pùdar icing agus buail seo ri chèile còmhla ri leth spàin-tì de bhrìgh vanilla. Nuair a tha e a fuarachadh beagan dòirt e air feadh mullach na cèice.