Main content

Cèic-rola le Cnothan-challtainn

AN CÈIC

4 uighean mòra, gealagan agus buidheagan air an sgaradh
150g siùcar
2 spàinn-mhòr uisge teth
70g cnothan-challtainn air an gearradh ann am pròiseasar-bìdh
80g flùr-èirigh, air a chur tro shìoltachan
Craiteachan salainn
½ spàinn-tì faoineag
20g siùcar-phùdarach

LÌONADH

500g càise mascarpone
175g iogart Greugach
100g siùcar pùdarach
300g subhan-craoibh

Cuir an àmhainn aig teas 200C / 180C le gaotharan. Lìnig soitheach cèic-rola le pàipear.

Cuir na buidheagan ann am bobhla leis an t-siùcar. Buail seo ri chèile airson mu 5 mionaidean ach am bith e soilleir, geal agus tiugh. A’ cumail ri oir a' bhobhla agus a’ tionndadh am bobhla fad an t-siubhail dòirt ann an uisge. Crath ann na cnothan agus craiteachan salainn. Cuir ann am flùr ach ga chuir tron t-sìoltachan airson an dàrna turas. Paisg seo uile ri chèile.

Ann am bobhla eile buail na gealagain-uighe gus am bith nan bideanan boga.

Mu dheireadh cuir a faoineag ri na buidheagain agus an uairsin paisg ann na gealagain trian às dèidh trian.

Lìon an tiona leis am measgachadh agus bruich san àmhainn airson 15 gu 18 mionaidean.

Nuair a tha e bruich leig leis fuarachadh fad 5 mionaidean mus crath thu beagan siùcar-pùdair air uachdar. A’ cleachdadh searbhadair-shoithichean cuir car dhan tiona agus bheir am pàipear-bèicearachd far bonn na cèice. Crath beagan siùcar-pùdair air an taobh eile agus cleachd an t-searbhadair airson a' chèic a’ rolaigeadh suas bhon taobh as giorra. Fàg i mar seo fad 10 mionaidean.

Anns an eadar-ama buail am mascarpone an siùcar agus an iogart còmhla.

Sìn a-mach a' chèic agus fàg i – còmhnard – air a còmhdach leis an t-searbhadair.

Nuair a thig a' chèic gu ìre-teothachd an rùm còmhdaich muin a chèic gu math leis an uachdar agus a chaise. Cuir cuideachd na subhan-craoibhe air muin seo. Rolaig suas a' chèic mar a rinn thu roimhe bhon taobh as giorra.

Faodaidh tu barrachd subhagan a chur air a muin le crathadh siùcar-pùdair mas geàrr thu i.