Main content

Na briosgaidean sgealban-teòclaid aig Màiri

Na briosgaidean sgealban-teòclaid aig Màiri

4 unnsaichean ìm

3 unnsaichean siùcar ruadh

6 unnsaichean min-fhlùir a dh’èireas

4 unnsaichean sgealban-teòclaid

2 spàin-bhùird siorap

2 spàin-bhùird bainne

Cuir an t-ìm agus an siùcar còmhla ann an bobhla agus buail gu math.

An uairsin, cuir a h-uile sian eile dhan bhobhla agus cuir timcheall gu math e, gus an tig e uile còmhla.

Cuir làn-spàinean dhan taois air clàr-bèicearachd air an deach suathadh ime. Feuch gum bi beàrn air fhàgail eadar gach cnap dhan taois oir sgaoilidh e a-mach fad ‘s a tha e a’ bruich.

Bruich ann an abhainn aig teas 150C airson 10-12 mionaidean. Tha còir gum bi iad fhathast caran bog nuair a thig iad às an abhainn ach thig iad nas cruaidhe nuair a tha iad air fuarachadh.