Main content

Na Macarùnaichean aig Doileag

1 spàin-bùird buntàta pronn, fuar
Co-dhiù 225g siùcar pùdair
225g seòclaid
225g cnò-còco

Dòirt an siùcar troimh shìoltachan agus measgaich leis a’ bhuntàta gus am bi e tioram agus furasta obrachadh.

Roilig a-mach e agus dèan cumadh isbean dheth. An uairsin, le sgian, geàrr pìosan beaga cruinn.

Cuir seo dhan fhuaradair airson uair a thìde.

An uairsin, cuir leth dhan chnò-còco fon ghrill airson mionaid no dhà, gus am bi dath òr-dhonn air. Measgaich seo leis a' chòrr dhan chnò-còco.

Leagh an t-seòclaid. Bheir na pìosan a-mach às an fhuaradair agus còmhdaich iad le seòclaid agus an uairsin cnò-còco.

Cuir seo air ais dhan fhuaradair gus am bi an t-seòclaid cruaidh.