Main content

An tort càise is uinnean

An tort càise is uinnean aig Sìne Anna NicGumaraid

Am Pastraidh

8 unnsaichean min-fhlùir

2 unnsa ìm

2 unnsa margarine

Beagan salann

Buidheagan uighe

An sùgh de ½ liomaid

Am broinn an tort

3 uighean air am buaileadh

¼ pinnt uachdar

¼ pinnt bainne

Punnd uinneanan

Spàin-bhùird ola

Unnsa ìm

5-6 unnsaichean càise (air a bhleith)

Salann & piobar

Beagan tarragon

Cuir an t-ìm agus am margarine am measg am flùr. An uair sin, cuir ris am buidheagan agus an sùgh bho leth liomaid gus an tig e uile ri chèile. An uair sin, tha e deiseil airson roiligeadh a-mach.

Roilig a-mach an taois agus cuir dhan t-soitheach agad i. Tha còir aig gu leòr pastraidh a bhith an seo airson soitheach 10 òirlich. Sgioblaich suas na h-oirean agus brod na taoise le forca gus nach èirich i. Bruich anns an àmhainn aig teas 200C airson 10-15 mionaidean. An uair sin, cuir suathadh de ghealagan uighe air a’ phastraidh agus till dhan àmhainn e airson 3-5 mionaidean.

Cuir sin gu aon taobh agus deasaich an stuth a thèid am broinn a’ phaidh. Geàrr suas punnd uinneanan ann an slisean tana. Cuir an t-ola agus an t-ìm dhan phana agad agus nuair a tha sin air teasachadh, fraighig na h-uinneanan air teas ìosal gus am bi na h-uinneanan bog. Chan eil còir aig na h-uinneanan a bhith ruadh – thathar airson ‘s gun cùm iad an dath soilleir, geal aca.

Fhad sa tha na h-uinneanan a’ bruich, cuir trì uighean, uachdar, bainne, salann & piobar agus beagan tarragon am broinn bobhla beag agus buail gu math.

Cuir crathadh de chàise air am flan, a’ còmhdachadh bonn a’ phastraidh. Nuair a tha na h-uinneanan deiseil, cuir air uachdar a’ chàise iad agus an uairsin crathadh eile de chàise air muin sin.

Dòirt am measgachadh de dh’uighean agus uachdar a-steach dhan chèis phastraidh. Bruich anns an àmhainn aig teas 180C ‘son leth-uair.