Main content

Aran-Cridhe

An t-Aran-Cridhe aig Flòraidh Chaimbeul

Cupa uisge

Cupa siùcar granulated

Cupa sultanas

4 unnsaichean ìm

Spàin-tì sòda-arain

2 spàin-tì spìosraich measgaichte

Spàin-tì dinnsear

Goil na tha seo còmhla ann am poit airson deich mionaidean, gus an leagh e. Leig leis fuarachadh.

Nuair a tha e fuar, cuir ris 2 ugh, 2 chupa flùr SR, ½ spàin-tì cream of tartar. Measgaich gu math e agus dòirt a h-uile sian a-steach gu cnogan dà phunnd. Bruich ann an àmhainn 160C airson timcheall air dà fhichead mionaid.