Na Biscotti aig Griogair le Cnothan-Challtainn agus Sirisean Thioram
170g flùr lom
1 spàin-tì pùdar-fuine
80g siùcar
2 ugh
40g sirisean thioram
40g cnothan-challtainn

Cuir air an àmhainn aig teas 180C/Gas 4.
Measgaich am flùr, siùcar agus am pùdar-fuine ann am bobhla.
Cuir na h-uighean ris airson taois bhog a dhèanamh.
Cuir a-steach na sirisean agus na cnothan-challtainn agus lean a’ fuineadh an taois gus am bi cliathach am bobhla glan.
Air clàr-fuine le flùr air uachdair, dèan cruth roile air mu 4/5cm.
Cuir seo air treidhe air a còmhdach le pàipear-fuine dhan an àmhainn airson 20-25 mionaid, gus am bi dath òr-dhonn oirre.
Bheir a-mach às an àmhainn. Fàg airson 10 mionaidean, airson cruadhachadh.
Geàrr an lof ann am pìosan 1cm tiugh. Cuir iad air an treidhe fhathast air a còmhdach le pàipear-fuine.
Cuir air ais dhan àmhainn iad airson 10 mionaidean agus an uairsin fàg iad airson fuarachadh air treidhe uèir.