Na Rolaichean Isbein aig Donna NicIomhair
Punnd feòil isbein
8 unnsaichean buntàta pronn
1 uinnein air ghearradh mìn
1 spàin-tì pùdair curaidh
1 spàin-tì sabhs tomàtothan
13 unnsaichean taois a dh’eireas (taois na butha!)
Ugh air a bhualadh

Measgaich an fheòil, am buntàta, an t-uinnean, am pùdair curaidh agus an sabhs tomàtothan. Cuir ann cuideachd salann is piobar. ‘S ann le làimh as fheàrr a mheasgachadh.
Sìn a-mach an dà dhuilleag taois air a' bhòrd agus air aon oir cuir suathadh mustard.
Rolaig an fhèoil a-mach na chumadh isbein airson ‘s gum freagair e air meud na duilleig taoise. Cuir an isbein feòile air muin am mustard agus rolaig suas san taois e. Suath beagan uisge ris an oir airson a dhùnadh.
Sgioblaich na h-oirean agus geàrr ann am pìosan a rèir cho mòr neo cho beag ‘s a tha thu gan iarraidh. Cuir comharra beag leis an sgian ann am mullach gach rolla.
Suath le beagan ugh air a bhualadh.
Bruich ann an àmhainn aig 180C airson leth uair a thìde.