Briosgaidean Bourbon
Na Briosgaidean Bourbon aig Shona NicDhòmhnaill
175 g flùr plèan
75 g pùdar-teòclaid
75 g siùcar-pùdair
150 g ìm bog
Spàin-tì brìgh faoineag
1 ugh air a bhualadh

75 g ìm
75 g siùcar-pùdair
25 g pùdar-teòclaid
Cuir am flùr, am pùdar-teòclaid agus am t-siùcar-pùdair tron t-sìolachan le craiteachan salainn. Cuir seo dhan inneal-measgachaidh leis an ìm. Buail còmhla.
Cuir ris a faoineag agus an t-ugh. Cuir mun cuairt a-rithist e gus an tig e ri chèile na chnap mòr.
Fuaraich airson mu leth uair.
Rollaig a-mach eadar dà phìos cling film gu mu ½ cm.
Cleachd cumadh bourbon air a shuathachadh ann am flùr airson na briosgaidean a ghearradh.
Cuir pàipear fuine air treidhe is cuir na briosgaidean air. Bruich anns an àmhainn airson 10 mionaidean aig teas 160C.
Airson a chòmhdach buail an t-ìm leis an t-siùcar-pùdair is am pùdar-teòclaid.
Tog aona bhriosgaid, suath i le còmhdach tiugh agus cuir briosgaid eile oirre.