Main content

Cèic-treidha le sirisean, apracot agus almoin

Cèic-treidha le sirisean, apracot agus almoin

Airson an taois:

150g margarine

75g siùcar mìn

225g min-fhlùir plèan

Airson an còmhdach:

Silidh sirisean

Sirisean morello

175g margarine

175g siùcar mìn

175g almoin phronn

1 ugh air a bhualadh

1 spàin-bhùird bainne almoin

Apracotan

Suath am margarine a-steach dhan fhlùr le do chorragan agus nuair a tha coltas phronnagan-arain air, measgaich an t-siùcar a-steach. Cuir boinne no dhà de dh’ uisge ann a-nis, dìreach gu leòr airson am measgaidh a thoirt còmhla. Cuir dhan fhuaradair e airson co-dhiù leth-uair a thìde.

Nuair a tha an taois air fuarachadh, rolaig a-mach e agus lìnig treidhe àmhainn leis. Cuir air ais dhan fhuaradair e airson beagan ùine mas cuir thu pìos paipear crèis-dìonach air uachdar agus an uairsin peasairean-fuine. Bruich anns an àmhainn e airson 10 mionaidean aig teas 165 Celsius.

Nuair a tha an taois bruich, cuir còmhdach silidh sirisean air uachdar agus sirisean morello a th’air an gearradh nan dà leth. An uairsin ann am bobhla, measgaich còmhla am margarine, an t-siùcar, na h-almoin, an t-ugh agus am bainne. Cuir seo air uachdar na sirisean. Mu dheireadh, sgeadaich do chèic le apracotan agus cuir dhan àmhainn e aig teas 170 Celsius airson 30 mionaid. Nuair a tha an cèic-treidhe air fuarachadh, sgeadaich le siùcar icing.