Main content
An Lof Marmalaid
An Lof Marmalaid aig Màiri
6 unnsaichean flùr SR

½ spàin tì soda-arain
Spàin tì dinnsear
Cuir na tha seo tron t-sìoltachan.
Ris an sin, cuir:
4 unnsaichean ìm bog,
3 unnsaichean siùcar donn,
2 ugh air am bualadh,
4 unnsaichean marmalaid,
Rùsg de 1 oraindsear,
Sùgh de 1 oraindsear, ach cuir 4 spàinean mòr gu aon taobh.
Measgaich na tha seo gu math agus dòirt a h-uile sian a-steach gu cnogan dà phunnd. Bruich ann an àmhainn aig 160C airson uair no suas gu uair ‘s cairteal.
Fhad ‘s a tha sin a bruich, measgaich 1 spàin mòr de mharmalaid còmhla ris na 4 spàinean mòr de shùgh orainsear. Cho luath sa thig an lof a-mach às an àmhainn, dòirt seo air bàrr a’ chèic.