Main content

Mìlsean Eubha

Am Mìlsean Eubha aig Fiona Ballantyne


2 chrogan peuran
Leth phacaid shubhagan
75 g ìm
100 g siùcar mìn
100 g flùr èirigh
2 ugh air am bualadh

Cuir sùgh nam peuran a dhàrna taobh. Tiormaich na peuran gu math agus geàrr nan cairtealan iad. Lìon bonn soithich leotha. Cuir na subhagan nam measg.


Buail an t-ìm san t-siùcair ri chèile. Cuir am flùr is na h-uighean ris beag air bheag ga bhuaileadh gu math.


Còmhdaich na measan le mullach tana dhan mheasgachadh seo agus dèan rè e.


Bruich san àmhainn airson 45 – 50 mionaid aig teas 180 C gus am bi a mhullach air èirigh gu math.


Tha seo sònraichte blasta le custard neo uachdar.