Main content

Tort le Custard Shùbhagan

An Tort le Custard Shùbhagan aig Griogair MacLeòid

Pastraidh milis
200g subhagan

Airson an crème patissiere
500 ml uachdar tiugh
1 spàin-tì brìgh vanilla
4 buidheagan uighe
2 spàin mhòr flùr-innseanach (corn flour)
50g siùcar

Roilig am pastraidh milis ann an cumadh cearcall, gus am bi e mòr gu leòr airson bonn agus cliathaichean soitheach tort a chòmhdach.

Airson an crème patissière, cuir 500 ml de dh’ uachdar tiugh agus am brìgh vanilla ann am pana. Cuir am pana air an teas agus leig leis an t-uachdar blàthachadh air a shocair, a’ dèanamh cinnteach nach leig thu leis goil.

Buail na buidheagain leis an t-siùcar agus am flùr-innseanach. Dòirt steall bheag dhan uachdar teth dhan bhobhla anns a bheil na h-uighean, a’ dèanamh cinnteach gu bheil thu ga chuir mu chuairt fhads a tha thu a’ dèanamh seo. Nuair a tha a’ mheasgaidh air tanachadh, dòirt e air ais dhan phana . Bheir beagan bualadh dhan chustard ‘son a bhith cinnteach nach eil cnapan flùr-innseanach air fhàgail ann.

Cho luath sa dh’fhàsas an crème patissière tiugh dòirt dhan chèis taois e, a th’ air a lìonadh le na sùbhagan.

Bruich aig bonn an àmhainn airson leth uair a thìde aig 200 neo 220 Celsius.