Buille do dh'Aths anns Na Hearadh

Bha briseadh-dùil ann 'son Aths aig Rally Park
- Air fhoillseachadh
Chaidh An Rubha air ais gu mullach Lìog Leòdhais is Na Hearadh oidhche Luain às dèidh do dh'Athletic Steòrnabhaigh dà phuing a leigeil às anns Na Hearadh.
Bha Aths ann an sunnd ro-làimh is iad air a' chùis a dhèanamh 4-2 air An Rubha oidhche Haoine.
Ach ged nach robh ann ach dà là bho chluich Na Hearadh geama mòr iad fhèin is iad air Cupa Eilean an Fhraoich a bhuannachadh oidhche Shathairne, 's ann a thug iad geama gu math doirbh do dh'Aths aig Rally Park.
Bha Na Hearadh air thoiseach 1-0 aig leth-ùine is ged a fhuair Nick Hope fear air ais do sgioba Steòrnbhaigh tràth san dàrna leth, cha robh an còrr thadhal ann is an geama a' crìochnachadh 1-1.
Thug sin cothrom dhan Rubha tilleadh gu mullach na lìge is ghabh iad an cothrom sin le pronnadh 10-1 a thoirt air United ann an Garrabost.
Thàinig na tadhail aca bho Rob Jones (2), Josh Mac a' Ghobhainn, Steven Dunn, Màrtainn Dòmhnallach, Daniel MacLeòid, Dean Clinton, Aonghas Dòmhnallach, Calum Ailig MacLeòid agus Daniel MacLeòid.
Tha na Rubhaich is Aths a-nise co-ionnan air 34 puingean ach tha sgioba Steòrnabhaigh air geama a bharrachd a chluich.
Feumaidh an dà sgioba a-nise cluich an aghaidh nan Loch is a h-uile coltas ann gum faigh iad le chèile trì puingean às na geamaichean sin.
Dh'fhàgadh sin gum biodh cothrom aig An Rubha an lìog a bhuannachadh ma gheibh iad rudeigin bhon gheama mu dheireadh aca an aghaidh An Taobh Siar.
Nam biodh An Rubha is Athletic co-ionnan aig deireadh an t-seusain bhiodh feum air geama play-off.
Cha do thachair sin ach aon turas roimhe - ann an 2019 nuair a rinn An Taobh Siar an gnothach 2-1 air An Rubha.