Serie A a' tighinn gu BBC ALBA

- Air fhoillseachadh
Tha ball-coise Eadailteach a' tighinn gu BBC ALBA is an t-seanail Ghàidhlig air aonta a ruighinn gus geamaichean ann an Serie A a chraoladh beò.
Bidh a' chiad gheama ann Didòmhnaich seo tighinn eadar a dhà de dh'fhuamhairean eachdraidheil ball-coise na h-Eadailt: Torino is Bologna.
'S e cothrom a bhios ann coimhead air dithis de rionnagan sgioba nàiseanta na h-Alba is Che Adams an-dràsta a' cluich do Torino is Lewis Fearghasdan do Bologna.
Thèid ochd geamaichean a chraoladh beò eadar seo is deireadh an t-seusain.
"'S e cothrom air leth a tha seo do luchd-leantainn ann an Alba na geamannan seo fhaicinn an asgaidh agus tlachd fhaighinn bho bhith a' coimhead air an tàlant Albannach iongantach ann an Serie A mus tòisich Cupa na Cruinne," thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint aig MG ALBA.
"Tha sinn air leth toilichte a bhith an sàs agus ag obair gu dlùth le ar co-obraichean aig BBC Sport Scotland, ar com-pàirtiche riochdachaidh Sunset+Vine, agus DAZN."

Tha an t-aonta ann aig àm nuair a tha grunn chluicheadairean Albannach a' cluich san Eadailt.
Tha Scott McTominay air cliù a chosnadh mar fhear de na cluicheadairean as fheàrr san Roinn Eòrpa bho ghluais e gu Napoli bho Manchester United ann an 2024.
Bha e fhèin is Billy Gilmour nam pàirt den sgioba aig Napoli a bhuannaich Serie A an-uiridh.

A thuilleadh orrasan, Che Adams is Lewis Fearghasdan, tha cuideachd Josh Doig aig Sassuolo, Lennon Miller aig Udinese, is Kieron Bowie bho chionn ghoirid air a dhol gu Verona.
Tha Liam Henderson aig Sampdoria ann an Serie B agus ann am ball-coise nam ban tha Lana Clelland aig Sassuolo, Sophie Howard aig Como agus Christy Grimshaw aig AC Milan.
'S e eòlaiche a' bhuill-choise, Ailig O'Henley, a bhios os cionn sgioba BBC ALBA.
"Tha sinn ann am meadhan àm eachdraidheil dha cluicheadairean Albannach ann am ball-coise na h-Eadailt," thuirt Ailig.
"Leis nach eil ach beagan mhìosan ro chuairtean deireannach Cupa na Cruinne, tha e na àm air leth inntinneach dha luchd-leantainn Albannach a bhith a' faicinn dè tha an dàn do ar cluicheadairean san Eadailt agus tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith a' toirt nan geamannan beò agus na sgeulachdan bho sheusan Serie A gu luchd-amhairc BBC ALBA ann an Alba agus nas fhaide air falbh."
Chìthear Torino an aghaidh Bologna beò air BBC ALBA Didòmhnaich bho 4.50f is an geama fhèin a' tòiseachadh aig 5f.