Uibhist a Tuath aig a' mhullach

Ball air pàirc ball-coise
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Uibhist a Tuath gu mullach Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt nuair a rinn iad a' chùis air Beinn na Faoghla 4-0.

Thàinig tadhail Uibhist a Tuath bho Kieran MacÌosaig (2), Ben Shepherd is Alex Troughton.

Tha seo cuideachd air cur às dhan chothrom a bh' aig Beinn na Faoghla air an tiotal is an rèis a-nise eadar Uibhist a Tuath is Barraigh a-mhàin.

Tha Uibhist a Tuath trì puingean air thoiseach air Barraigh is aon gheama air fhàgail aca - sin an aghaidh nam Barrach fhèin ann am Bàgh a' Chaisteil Disathairne.

Gheibh Uibhist a Tuath an tiotal ma nì iad a' chùis.

Mura dèan, bidh an gnothach ann an làmhan Bharraigh is aona gheama eile acasan ri thighinn Disathairne an 12na den t-Sultain an aghaidh Èirisgeigh.

Ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd chrìochnaich Caol Àcain sa cheathramh àite às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Loch Aillse 3-2 oidhche Mhàirt.

Chan eil ach aona gheama lìge air fhàgail - sin eadar Malaig is Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich Disathairne an 12na den t-Sultain.

Bidh trì geamaichean ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh oidhche Chiadain.

Bidh Na Hearadh an aghaidh An Taobh Siar, Am Bac an aghaidh nan Loch, is United an aghaidh Nis.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte