Sanas ùr son nurs ùr dha Ratharsair
Thèid sanas-obrach ùr fhoillseachadh airson nurs do dh'Eilean Ratharsair an ath-mhios.
Chuidich muinntir an eilein fhèin leis an t-sanas a dhealbh, 's iad mì-thoilichte nach do fhreagair duine sanas a chuir NHS na Gàidhealtachd a-mach roimhe.
Tha dragh mòr ann fhathast ge-tà mun t-seirbheis mheidigeach aca rè na h-oidhche, mar a tha Calum MacIlleathain ag aithris.