Sgoilearan taiceil do neo-eisimeileachd
Chùm Acadamaidh Dhòrnaich referendum ma 's fhìor Dimàirt air neo-eisimealachd na h-Alba.
Ghabh an 274 sgoilear anns an sgoil pàirt anns a' bhòt.
Seo an dàrna turas a chaidh tachartas de a sheòrsa a chumail le sgoil air a' Ghàidhealtachd, às dèidh bhòt ann an Inbhir Narann san t-Samhain an-uiridh.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.