Naidheachdan 11:00m

An Eilbheis

Tha luchd-rannsachaidh san Eilbheis ag ràdh gun toir e grunn làithean aithne fhoirmeil a chur air cuirp deugachadh dhaoine a bhàsaich ann an teine aig bàr sgithidh ann an Crans-Montana. Chaidh co-dhiù 40 duine a mharbhadh, 's còrr air 100 duine eile a ghoirteachadh. Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè a b' adhbhar dhan teine, ach tha na h-ùghdarrasan air a ràdh nach b' e ceannairc a bh' ann.

An aimsir

Tha rabhadh Òmar a' tighinn a-steach aig meadhan-là airson sneachda is deighe ann an ceann a tuath na h-Alba. Tha dùil gun toir an aimsir buaidh air siubhal, agus Oifis na Sìde an dùil ri sneachd trom - còrr air seachd òirlich dheth ann an cuid de sgìrean an ceann a tuath na Gàidhealtachd agus anns a' Mhonadh Ruadh, fiù 's air talamh ìosal.

A' chìs-chomhairle

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil teaghlaichean air bheag-theachd-a-steach air buannachd fhaighinn à lùghdachadh luach nan ceudan Notaichean air a' chìs chomhairle aca. Chosg an sgeama £4.5bn bho thugadh a-steach e ann an 2013. Sheall na figearan as ùire gun robh còrr air 450 duine airidh air taic bhon sgeama bhon an Dàmhair an-uiridh, a' sàbhaladh còrr air £900 sa bhliadhna do dhachaigh sa bhitheantas. Tha an sgeama na phàirt de ro-innleachd an riaghaltais dèiligeadh ri bochdainn agus cosgais a' bhith-beò.

Banachdach

Gheibh clann san Rìoghachd Aonaichte banachdach airson a' chiad uair an aghaidh na bric-òtraich air an NHS. Thèid a' bhanachdach a thoirt seachad dà thrup aig aois aon bhliadhna agus ochd mìosan deug. Faodaidh clann suas ri sia bliadhna de dh'aois a faighinn ma thogras am pàrantan.

Drugaichean call-cuideim

Tha luchd-pharmasaidh a' cur ìmpidh air euslaintich gun cungaidhean airson cuideam a chall a cheannach bho luchd-reic neo-riaghailte. Tha dùil gum bi iarrtas mòr air a leithid am-bliadhna. Thuirt Comann Nàiseanta nam Pharmasaidhean gu bheil dragh orra gu bheil daoine a' tionndadh gu salonan-maise agus na meadhanan-sòisealta airson grèim fhaighinn air na drugaichean.