Naidheachdan 11:00m
Bhenesuèla
Thuirt an Ceann-Suidhe Trump nach eil Bhenesuèla air chomas taghaidhean a chumail an-dràsta airson ceann-suidhe làn-ùine a chur an àite Nicolás Maduro. Chaidh ceann-suidhe eadar-amail ainmeachadh ann am Bhenesuèla an dèidh dha na Stàitean Aonaichte Mgr Maduro a chur an grèim Disathairne.
Cosgaisean Bith-beò
Thèid innse do mhinistearan an-diugh gum bi aire Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air dèiligeadh ri cosgaisean bith-beò. Canaidh Sir Keir Starmer ris a' chiad choinneimh chaibineit den bhliadhna gu bheil e airson dearbhadh gun tèid aig poileataigs air barrachd airgid a chur ann am pòcaidean dhaoine.
Sneachda
Tha ceudan sgoiltean dùinte ann an ceann a tuath na h-Alba a-rithist an-diugh 's tha rabhadh ann air tuilleadh sneachda agus reothadh gu 7:00f a-nochd. Tha Scotrail ag ràdh gum bi 12:00f ann air a' char as tràithe mus tèid aca air seirbheisean a chur eadar Obar Dheathain is Inbhir Nis a-rithist, agus 3:00f air a' char as tràithe mus tèid aca air an loidhne eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse fhosgladh.
Cleith Fiosrachaidh
Sgrìobh teaghlaichean a chaill càirdean ann am bomadh Arena Mhanchester dhan Phrìomhaire ag iarraidh làn-phàirt do MI5 ann an lagh ùr a tha san amharc airson stad a chur air cleith fiosrachaidh ann am beatha phoblaich. Chaill 22 daoine am beatha san ionnsaigh aig consairt Areana Grande ann an 2017. Thuirt an Riaghaltas gum buin an reachdas ùr dhan a h-uile ùghdarras poblach.
Bhatarnais
Bidh coinneamh phoblach ann am Bhatarnais anns an Eilean Sgitheanach an-diugh mu phlana chonnspaideach airson càball dealain ùir air grunnd na mara eadar Bhatarnais agus Gleann Dail mar phàirt den phròiseact airson ceangail dealain ùir eadar an t-eilean agus Uibhist a Deas. Tha feadhainn san sgìre a' gearan mun bhuaidh a bheireadh an càball eadar an t-Àird Mhòr agus Loch Pùilteil air àrainneachd na sgìre.