Naidheachdan 11:00m

Buidseat na h-Alba

Chuir Rùnaire an Ionmhais, Shona Robison, dìon air buidseat an là an-dè. Thuirt i gun robh na h-atharrachaidhean cìse, agus an t-airgead a thèid a chosg, a' toirt prìomhachas do thaic airson teaghlaichean agus leasachadh air bochdainn chloinne. Thuirt i cuideachd gum faic daoine piseach air seirbheisean poblach air sgàth na dh'fhoillsich i.

Tuathan-gaoithe

Thèid fear de na tuathan-gaoithe aig muir as motha air an t-saoghal a thogail far costa Lodainn an Ear, an dèidh dhàn phròiseact cùmhnant fhaighinn bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Bidh còrr air 300 crann ann an tuath-gaoithe Banca Bheireig, an ceann a-muigh Linne Fhoirthe, agus cumaidh e dealan ri 6,000,000 dachaigh.

Iran

Thug an Ceann-suidhe Trump rabhadh do dh'Iran gum bi freagairt gu math làidir ann bho na Stàitean Aonaichte ma thèid iad adhart le luchd-togail-fianais a chrochadh. Thuirt Riaghaltas Iran gun cuireadh iad daoine a tha fo chasaid an lùib ar-a-mach nan sràidean an sin tro na cùirtean gu math luath.

Sealg a' Ghuga

Tha luchd-iomairt an aghaidh sealg a' ghuga air prìomh-oifisean NàdarAlba ann an Inbhir Nis a ghànrachadh le peanta dearg. Sgrìobh iad air soidhne aig Taigh a' Ghlinne Mhòir "End the Guga Hunt". Chuir iad cuideachd peant air an doras aghaidh agus air uinneagan, far an do sgrìobh iad "Blood is on Your Hands " leis a' pheant.

Am Marinera

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gur ann airson goireasan leithid biadh is deoch a thoirt air bòrd a tha tancair ola - a chuir na h-Aimeireaganaich an grèim - aig acair ann an Linne Mhoireibh. Ghabh na Stàitean Aonaichte thairis am Marinera - a bha fo bhrataich Ruiseanaich - 's iad ag ràdh gun robh i a' giùlain ola do Bhenesuèla. Tha dùil gun seòl i a-rithist an dèidh stuth a ghabhail air bòrd.