Naidheachdan 11:00m

Bhenesuèla

Tha dùil ri seasamh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air mar a chaidh Ceann-Suidhe Bhenesuèla, Nicolás Maduro, a chur an grèim leis na Stàitean Aonaichte. Tha dùil ri sin dìreach an ceartuair. Tha am Prìomhaire fo ìmpidh o chuid de bhuill-phàrlamaid Làbarach càineadh a dhèanamh air mar a chaidh na Stàitean Aonaichte an sàs anns an dùthaich. Tha dùil ri Mgr Maduro ann an cùirt an New York feasgar 's e fo chasaidean dhrugaichean agus armachd.

A' Ghraonlainn

Tha Prìomhaire na Graonlainn air iarraidh air Dòmhnall Trump a bharail mu bhith a' gabhail na sgìre os làimh a chur bhuaithe. Tha seo a' tighinn às dèidh mar a chaidh na Stàitean Aonaichte an sàs ann am Bhenesuèla. Tha an Ceann-Suidhe Trump air a ràdh uair is uair gu bheil e airson smachd a ghabhail air a' Ghraonlainn air adhbharan de thèarainteachd nàiseanta.

Sneachda

Tha na ceudan de sgoiltean dùinte ann an ceann a tuath na h-Alba an-diugh air t-sàilleibh an t-sneachda. Tha Oifis na Sìde air leudachadh a thoirt air an Rabhadh Buidhe a tha an sàs airson sneachda is reothaidh 's e gu bhith an sàs air feadh na dùthcha o mheadhan-oidhche a-nochd gu 11:00m a-màireach anns a' cheann a deas agus meadhan-oidhche an ath-oidhche airson a' chinn a tuath. Tha an t-side air trioblaidean mòra adhbharachadh a thaobh còmhdhail, gu seachd-àraid air a' Ghàidhealtachd, an Obar Dheathain, an Siorrachd Obar Dheathain, am Moireibh agus cuideachd ann am Machair Aonghais.

Tubaist

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist-rathaid air an A82 aig Drochaid Omhaich. Chaidh boireanach, 44 bliadhna de dh'aois, a sgèith don ospadal 's i air a droch ghoirteachadh anns an tubaist a thachair aig Obar Chaladair eadar Inbhir Garadh agus Cille Chuimein aig mu 2:30f an-dè.

Sanasachd

Tha casg a-niste an sàs air sanasan telebhisein agus air-loidhne air biadh mì-fhallain. Sin mar phàirt den oidhirp dèiligeadh ri ro-reamhaireachd am measg cloinne. Chan fhaodar a-niste sanasan de bhiadh anns a bheil mòran siùcair, salainn no geir a shealltainn eadar 5:00f agus 9:00f.

Cupa na Cruinne

Tha am Prìomh Mhinistear a' moladh gum bi là saor poblach ann gus a' chiad gheama aig sgioba fhireannach na h-Alba aig Cupa na Cruinne a chomharrachadh. Tha iad a' dol an aghaidh Haiti ann an uairean beaga na maidne air a' 14mh là den Ògmhios. Thuirt John Swinney gu bheil e a' gabhail cheumannan gus am bi là saor poblach ann an làrna-mhàireach airson 's gun tèid aig daoine air tighinn cruinn-còmhla airson a' gheama.