Comann Camanachd nam Ban aig 25 is seusan ùr a' tòiseachadh
Tòisichidh seusan ùr ann an iomain nam ban air an deireadh-sheachdain le clach-mhìle is Comann Camanachd nam Ban a' comharrachadh 25 bliadhna.
'S ann aig Bàideanach is Loch Abar a bha làmh an uachdair aig an ìre as àirde den gheama bho chionn ghoirid is tha a h-uile coltas ann gum bi iadsan gu math làidir a-rithist.
Tha Javen Houston a' toirt sùil air adhart.