
Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad gu mòr an aghaidh phlanaichean Riaghaltas na h-Alba sgìrean ùra aig muir le dìon sònraichte (HPMA) a chomharrachadh.
Thòisich co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air na molaidhean airson HPMA a chruthachadh airson dìon a bharrachd a chur air uisgeachan na dùthcha.
Tha Comhairle nan Eilean Siar air fearg a nochdadh mu na molaidhean.
Choinnich Buidheann-Obrach Bhun-Ghnìomhachasan an ùghdarrais ionadail Diciadain ri riochdairean iasgaich agus giollachd èisg airson am beachdan a chluinntinn mu na tha fa-near dhan riaghaltas.
Fearg
Cho-dhùin na bha an làthair gum bu chòir dhan Chomhairle moladh sam bith airson HPMA a chruthachadh sna h-Eileanan an Iar neo far chosta an iar na h-Alba a dhiùltadh.
A' bruidhinn às dèidh na coinneimh thuirt Cathraiche na Buidhne-Obrach, an Comhairliche Tormod Dòmhnallach: "'S ann glè ainneamh a bha mi aig coinneimh far an robh fearg agus sàrachadh nan comhairlichean cho follaiseach.
"Tha na molaidhean HPMA, ma thig iad gu bith, a' dol a dhèanamh cron mòr air eaconamaidh nan Eilean Siar. Nì e call mòr air obair an iasgaich, bidh fìor dhoch bhuaidh air na coimhearsnachdan as iomallaiche againn agus fàgaidh e gum falbh barrachd dhaoine às na h-eileanan.
"Tha e soilleir nach eil tuigse cheart aig ministearan riaghaltais agus an fheadhainn a bhios a' cruthachadh phoileasaidhean air a' chron a bhios an lùib nam molaidhean air eaconomaidh agus coimhearsnachdan nan Eilean Siar," thuirt an Comh. Dòmhnalladh.
Obair a bhiodh toirmisgte
Nan dèigheadh inbhe HPMA a bhuileachadh air sgìre mhara bhiodh casg air na leanas a rèir na Comhairle:
iasgach sam bith
tuathanasan èisg is maoraich
buain feamad,
obair ola is gas
pròiseactan ath-nuadhachail
càballan fon mhuir
cruthachadh haidreadsain
eacarsaichean airm
cidheachan ùra
puirt-fhànais
"An eaconamaidh ghorm"
A-rèir pàipear conaltraidh Riaghaltas na h-Alba 's e amas nam molaidhean aca HPMA a stèidheachadh àrainneachd na mara a ghlèidheadh.
Tha iad ag ràdh gu bheil an t-uabhas obrach ri dèanamh fhathast mus mol iad làraichean nan sgìrean glèidhte.
Tha Ministear na h-Àrraineachd agus Ath-leasachaidh Fearainn, Màiri NicAilean BPA, a' brosnachadh dhaoine air am faod na molaidhean seo buaidh a thòirt am beachdan a thoirt seachad.
Thuirt i gun robh i airson co-obrachadh leotha airson an lèirsinn a th' aca airson na h-eaconamaidh guirme a neartachadh a choileanadh.