Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cùram – Gun Dùil/Unexpected Care

How illness or injury can lead to a person having sudden or unexpected care needs.

Uaireannan ’s e tinneas no tubaist a tha a’ ciallachadh gu bheil feum aig cuideigin air cùram ris nach eil dùil. San treas phrògram, tha sinn a’ coinneachadh ri Norma NicSuain às an Rubha ann an Leòdhas, a tha a’ fuireach san dachaigh aice fhèin le taic bho luchd-obrach cùraim agus teaghlach, a dh’ aindeoin gun chaill i a casan agus a làmhan an dèidh tinneas uabhasach. Tha inntinn mhath agus cho làidir ’s a tha Norma innte fhèin a’ cuideachadh le mar a tha i air dèiligeadh ri suidheachadh meidigeach a dh’ atharraich a beatha gu tur. An dèidh dreuchd fhada ann an obair shòisealta, bha fios aig Iain MacAmhlaigh agus a bhean Ann gum feumadh iad ullachadh airson an àm ri teachd, an dèidh dhaibh an dreuchd a leigeil dhiubh. A’ dealbhadh dachaigh ùr a bhiodh freagarrach agus a b’ urrainn dhaibh atharrachadh agus a’ dèanamh cinnteach gun robh na còmhraidhean cudromach aca còmhla ris an teaghlach mun t-seòrsa cùraim a bu chaomh leotha an uair a bhiodh e a dhìth orra. An rud air nach robh fios aca, ’s e gum biodh na planaichean sin feumail an uair a thigeadh tinneas ris nach robh dùil

Sometimes it can be illness or injury that leads to a person having sudden or unexpected care needs. One example is Norma Macsween from Point in Lewis who, despite losing her legs and hands after a devastating illness, continues to live in her own home with support from care staff and family. Norma’s own mental attitude and resilience is a huge factor in how she has responded to a life-changing medical event.

After a long career in social work, Iain Macaulay and his wife Ann knew post-retirement that they had to make plans for the future. That meant designing a new home that would be accessible and adaptable, but also ensuring they had the important conversations with family about their wishes and how they would want care needs handled. What they did not know was how crucial those plans would be when unexpected illness occurred.

In Gaelic with English subtitles.

44 minutes

Last on

Sun 21 Dec 202521:00

Broadcasts