Cumhachd ga dèanamh follaiseach
Tha oifigear riaghaltaidh ùr aig a' Phàrlamaid Albannaich.
'S i an nàiseantach Tricia Marwick, a' chiad bhoireannach a tha air an dreuchd seo fhaighinn.
Rinn i a' chùis air tè eile bhon SNP, Christine Ghreumach, agus air an Làbarach Hugh Henry.
Bhon seo a-mach, cuiridh i am pàrtaidh aice don dàrna taobh agus an dleastanas oirre airson a' phàrlamaid a stiùireadh agus còirichean na pàrlamaid a riochdachadh.
Ach tha feadhainn an seo draghail gu bheil an SNP - aig a bheil mòrchuid iomlan anns a' phàrlamaid a-nis - air tè dhe na buill aca fhèin a chur anns an dreuchd seo.
Agus tha cuid a' faighneachd dè tha seo a' ciallachadh airson nan còig bliadhnaichean a tha romhainn.
Annasach
Tha dreuchd an oifigeir riaghalaidh air gluasad bho phàrtaidh gu pàrtaidh o chaidh pàrlamaid na h-Alba ath-stèidheachadh ann an 1999.
Anns a' chiad sheisean bha an Lib Deamach, Dàibhidh Steel, anns a' chathair. Chaidh a leantainn le Seòras Reid bhon SNP agus Ailig Fearghasdan bho na Tòraidhean.
Mar sin dheth, bhiodh dùil an-diugh gur e Làbarach a gheibheadh an dreuchd an turas-sa.
Gu h-annasach, chuir an dà chuid Iain Gray agus Annabel Goldie an taic ri ainmeachadh Mhgr Henry.
Thuirt Ailig Salmond nach deigheadh e an sàs anns a' bhòt. Ach bha buill-pàrlamaid Albannach an SNP draghail gun canadh oifigear riaghalaidh an aonaidh nach robh bile gus referendum a chumail taobh a-staigh cumhachdan na pàrlamaid.
Dhearbh bhòt an là an-diugh dìreach cho cumhachdail agus a tha na 69 buill nàiseantach sin anns a' phàrlamaid ùir.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.
BeachdanFàg beachd
Mar a tha thu ag radh, tha e a’ sealltainn dhuinn an cumhachd a th'aig na Nàiseantaich anns a' Phàrlamaid, cumhachd a dh'fhàsas buileach follaiseach nuair a bhitheas na comataidhean a' dol air ais chun obair àbhaisteach aca. Chan eil sin ri radh nach bu chòir dhaibh a bhith air an cumhachd sin a chleachdadh airson an oifigear riaghaltaidh a thaghadh – ‘s iad am pàrtaidh ‘s motha, agus tha an cothrom agus an adhbhar aca sin a dheanamh fo riaghailtean na pàrlamaid.
Ach 's e an cunnart - do na nàiseantaich agus do na pàrtaidhean eile - gum faic iad an t-suidheachadh a thaobh na h-àireamhan mar leisgeul airson leigeil dhan SNP rud sam bith a thogras iad a dheanamh, gun cuideachadh no sgrudadh ceart bho na partaidhean eile. Ged a bhitheadh e taitneach gu poilitigeach dhaibh uile, cha deanadh e càil a dh’fheum dhuinn anns an àm ri teachd, agus dh’fhàsadh cùisean ro choltach ri mar a bha e fo stiùireadh na Lib Deamaich agus na Làbaraich o chionn bhliadhnachan.