Dùbhlanaich gun stiùir
Sin e - tha ceannardan nam prìomh phàrtaidhean uile a' fàgail.
B' e ceannard nan Làbarach, Iain Gray, a' chiad dhuine a thuirt gum fàgadh e dihaoine, mus deach a leantainn le Tavish Scott disathairne.
('S dòcha gun can cuid nach e prìomh phàrtaidh a tha anns na Lib Deamaich idir a-nis agus dìreach còignear aca anns a' phàrlamaid ùir ach 's e ceist eile a tha sin.)
A-raoir, dhearbh Annabel Goldie gum biodh ise a' fàgail cuideachd.
Coltach ri Mgr Gray, tha ceannard nan Tòraidhean a' fuireach gu ruige an fhoghair.
A-nis, tha an trì pàrtaidh sin uile a' sireadh ceannard ùr.
Measail
Nuair a chuala mi, dìreach ro Aithris an Fheasgair an-dè, chuir e iongnadh orm.
Cha deach cùisean cho dona do na Tòraidhean aig an taghadh diardaoin an taca ris na Làbaraich agus na Lib Deamaich, agus chaidh Annabel Goldie fhèin a mholadh airson na h-iomairt aca.
Tha daoine taobh a-staigh agus taobh a' phàrtaidh aice measail air Annabel Goldie agus chòrd na chuir i ri ceistean a' phrìomh mhinisteir ri tòrr.
(Chaidh a moladh le Ailig Salmond fhèin an-dè, agus e ag ràdh gum biodh na Tòraidhean air dèanamh na bu mhiosa aig an taghadh mura robh Annabel aig an stiùir.)
Ach b' e seo an toradh bu mhiosa aig na Tòraidhean a-riamh a-rèir roinn na bhòt, agus chaill iad 5 seat an taca ri 2007 a-rèir nan crìochan ùra.
'S e Murchadh Friseal - leas-cheannard na buidhne - an duine as coltaiche dol na h-àite. Ach an dèan ceannard ùr nas fheàrr?

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.