Abair seachdain
Tha seachdain leithid nach fhaca sinn a-riamh a' tighinn gu crìoch.
An-diugh, tha am prìomhaire, Dàibhidh Camshron, ann an Alba airson coinneimh leis a' phrìomh mhinistear, Ailig Salmond.
Bidh Mgr Camshron an dòchas gun cuidich Rùnaire ùr na h-Alba, an Lib Deamach Danny Alexander, leis an trioblaid Albannach aige.
Nan aonar, chan eil ach aon bhall-pàrlamaid aig na Tòraidhean ann an Alba, ach leis na Lib Deamaich, tha 12.
Bidh Mgr Alexander còmhla ris a' phrìomhaire an-diugh - ach bidh fios aige gu faodadh an càirdeas ùr eadar an dà phàrtaidh cron a dhèanamh air na Lib Deamaich aig an ath- thaghadh.
Chan eil an taghadh sin - don a' phàrlamaid Albannaich - ach bliadhna air falbh.
Làithean duilich
Tha Mgr Camshron ag iarraidh càirdeas ùr eadar Westminster agus Holyrood.
Ach ged a dh'obraichidh Mgr Salmond leis nuair a bhios aonta eatorra, tha làithean duilich roimhe.
Tha Mgr Salmond airson 's gun tèid an dà chuid cumhachd agus airgead a bharrachd a thoirt do Holyrood.
Gluaisidh Mgr Camshron air a' chumhachd - tha e airson na molaidhean a rinn Coinneach Calman a chur an gnìomh - ach tha sabaid air fàire mun airgead.
Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gun do chuir an easbhaidh sgàil air a h-uile rud.
Ach bidh Mgr Salmond airson gearraidhean à Westminster a chleachdadh airson toirt air daoine bhòtadh airson neo-eisimileach.
Tha mise a-nis a' dol air saor-làithean agus mar sin dheth bidh am blog seo sàmhach fad greis.
Ach airson Dhàibhidh Chamshroin, Nick Clegg agus a h-uile duine ann am poileataigs Bhreatainn, tha an obair dìreach a' tòiseachadh.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.