Soraidh Slàn, Gòrdon Brown
Le bhean, Sarah, còmhla ris, thàinig Gòrdon Brown tron doras dhubh aig Àireamh a Deich airson an turais mu dheiredh airson soraidh slàn a ràdh don dùthaich.
Chan eil fhios againn fhathast am bi na Tòraidhean a' cruthachadh riaghaltas gun mhòr, no am bi co-bhanntachd leis na Lib Deamaich.
An-dràsta, tha na sgiopaidhean Tòraidheach agus Lib Deamaich a' coinneachadh ris na pàrtaidhean aca anns na Cumantan - tha Dàibhidh Camshron dìreach air luchairt Bhuckingham fhàgail far an robh esan a' coinneachadh ris a' Bhanrigh.
A dh'aithghearr, cluinnidh sin bhon phrìomhaire ùr.
Ach, as dèidh còig là, tha fios agam cò e.
Tuilleadh a dh'aithghearr.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.