Glaschu an Ear...a-rithist
Bha mi air ais ann an Glaschu an Ear an-diugh.
Chuir mi seachad grunn sheachdainnean anns an sgìre aig àm an fho-thaghaidh ann an 2008.
Agus tha cuimhne shoillear agam air an oidhche nuair a ghoid Iain Mason an sgìre airson an SNP airson a' chiad uair a-riamh.
Air an oidhche ud bha na nàiseantaich air an dòigh agus deòir ann an sùilean nan Làbarach.
Ann an dòigh, cha do stad an iomairt airson Ghlaschu an Ear, ged a chaidh Mgr Mason a thoirt do Westminster airson an sgìre a riochdachadh.
Ach a-nis 's e blàs eadar-dhealaichte a tha oirre.
Airgead Eòrpach
An-diugh, bha Ailig Salmond agus Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, aig Colaiste Iain Wheatley ann an Easterhouse airson co-labhairt mu dheidhinn chosnaidhean.
Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear £34m de dh'airgead Eòrpach a bhios a' chruthachadh - da rèir-san - 193 dreuchd ann an Alba.
Thèid £18m dhiubh sin a chosnadh air pròiseactan air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan.
Mhol Mgr Murphy na bha Riaghaltas Bhreatainn a' dèanamh gus taic a thoirt do chosnaidhean ann an Alba.
Thuirt an dithis gun robh iad airson poileataigs fhàgail aig an doras.
Cha robh i fad air falbh ge-tà.
Fìor dhuilich
Tha Màiread Curran airson an sgìre fhaighinn air ais airson nan Làbarach aig an taghadh.
B' ise a sheas an aghaidh Iain Mason anns an fho-thaghadh agus a bhios a' riochdachadh Baillieston ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Chan eil ach 365 bhòt eadar an dà phàrtaidh - cha b' urrainn dha bhith na b' fhaisge.
Gu ruige 2008 bha Glaschu an Ear na sgìre Làbarach cha mhòr bhon a thàinig am pàrtaidh Làbarach gu bith.
Dh'aidich duine ann an iomairt nan nàiseantach dhomh gum biodh e fìor dhuilich dhaibh grèim a chumail air an sgìre.
'S e seo tè dhe na sabaidean as cruaidhe a bhios ann an Alba nuair a thig an taghadh.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.