Brown fhathast ann
Ged a chaidh an ceòl a chur air feadh na fidhle le Geoff Hoon agus Patricia Hewitt an-dè, dh'fhàilig an oidhirp aca bhòt adbharachadh air ceannas Ghòrdon Brown.
Aig a' cheann thall, cha d'fhuair iad taic gu leòr bho na cùl-bheingearan, no taic sam bith bho bhuill a' chaibineit.
Bu shlaodach a thàinig ministearan a-mach, agus bu bheag an taic a thug cuid dhiubh don phrìomhaire.
Ach, mean air mhean, dh'fhàs e soillear nach faigheadh an dithis seann mhinistearan an taic a bha dhith orra.
Agus nuair a thàinig a' mhadainn, bha Brown fhathast ann.
Leònte, ach beò fhathast.
Abair iongnadh
Nuair a bhruidhinn mi ri Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, rinn e a thaic do Mhgr Brown glè shoillear.
Abair iongnadh a bha ormsa, mar sin, nuair a chaidh ainmeachadh le Nick Robinson mar fhear den t-sianar mhinistearan air an robh Hoon agus Hewitt a' feitheamh airson taic don iomairt aca.
As dèidh mhionaidean bha Mgr Murphy air freagairt fhoillseachadh ag ràdh nach robh seo ach "a' tarraing aire bho obair chudromach" an riaghaltais a thaobh chosnaidhean agus na h-eaconamaidh.
Aig deireadh na h-oidhche, dh'aidich Geoff Hoon gun do dh'fhàilig an oidhirp aca.
Ach rinn seo cron air Gòrdon Brown.
Agus, tha na nàmhaidean aige anns a' phàrtaidh aige fhèin air spionnadh a thoirt dhaibhsan air an taobh a-muigh.
Sgaraidhean mòra
A-nis tha Dàibhidh Camshron ag ràdh gu bheil sgàraidhean mòra anns an riaghaltas.
Na bheachd-san, chan e baileat anns a' phàrtaidh Làbarach a tha a dhìth, ach bhòt a' mhòr-shluaigh ann an taghadh coitcheann.
Tha cuimhne aig Mgr Camshron dè cho duilich 's a bha cùisean do na Tòraidhean nuair a b' e beachd an t-shluaigh gun robh sgaraidhean anns a' phàrtaidh.
Tha dreuchd Ghòrdon Brown a-nis air fàs fiù 's nas duilghe.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.
BeachdanFàg beachd
Bu chòir do Chamshron a bhith sàbhailte gu leòr agus a dèanamh fiughair air Sràid Downing ach dh'fhaodadh mòran a thachairt fhathast. Gu h-àraidh ma thuiteas an eaconomaidh a-rithist.
Am biodh e rud math gus airgead a chuir air 'Parlamaid na crochadh'no ge b'e a tha 'hung parliamaent' sin sa Ghàidhlig?