'S urrainn do bhlogaichean connspaid adhbharachadh.
Dha-rìribh, 's e sin fear de na h-amasan a tha aca - beachdan a thogail agus deasbad a bhrosnachadh.
Ach feumaidh tu a bhith faiceallach ma sgrìobhas tu blog agus tu ag obair do bhall-pàrlamaid na h-Alba.
Nas fhaiceallaiche a-rithist ma dh'obraicheas tu do mhinistear Riaghaltas na h-Alba.
Aig Àm nan Ceist an-diugh, thog Iain Gray cùis Mhark MhicLachlainn, a b' àbhaist a bhith obair do Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal.
Bha aige ri falbh as dèidh mar a nochd gun robh e na ùghdar bloig a thug slaic - gun ainm - air ball-pàrlamaid na h-Alba agus eile.
Amharasach
Aig an àm, thuirt Mìcheal Ruiseal nach robh fios aige mu na bha a' tachairt agus gun do ghabh e ri tairgse bho Mhgr MacLachlainn a dhreuchd fhàgail.
Ach an-diugh, chaidh aithris gun tuirt Mgr MacLachlainn gun robh fios aig Mgr Ruiseal mu na bha e a' sgrìobhadh.
Gu prìbhiteach, tha na Làbaraich amharasach gum bi an SNP a' cleachdadh nam blogaichean seo airson teachdaireachdan poileataigeach a sgaoileadh.
Dh'iarr Iain Gray air a' Phrìomh Mhinistear toirt air Mgr Ruiseal tighinn don t-seòmar gus mìneachadh dè dìreach am fiosrachadh a bha aige mu bhlog Mhgr MhicLachlainn.
Ach thuirt Ailig Salmond gun robh e riaraichte leis na thuirt Mgr Ruiseal air a' chùis mar-thà.
Na bheachd, bu chòir do Mhgr Gray a shùil a thoirt air cùisean eile.
Cuspairean eile
Carson, dh'fhaighnich Mgr Salmond, nach do chleachd Mgr Gray an cothrom aige ceistean a thogail mu chuspairean eile?
Dè mu dheidhinn tuiteam Ghlobespan, figearan ùra mu chion-chosnaidhean, Copenhagan agus blàthachadh na cruinne?
'S iad na cuspairean a bu chòir do cheannard nan dùbhlanach togail aig Àm nan Ceist, a-rèir a' Phrìomh Mhinisteir.
'S ann gu math follaiseach a tha e gun bheil faireachdainn làidir air na beingean làbarach mu na h-ionnsaighean pearsanta a tha a' tighinn bho na blogaichean seo.
Agus chàin Ailig Salmond blogaichean den t-seòrsa gu làidir, ge b' e dè an taobh às an thàinig iad.
Ach nach e beachd a' mhòr-shluaigh mar-thà gum bi luchd-poileataigs a' toirt slaic air a chèile?
Am bi iad deònach èisteachd ri Iain Gray is e ag ràdh gu bheil na nàisteantaich nas miosa na duine sam bith eile?
Fàgaibh ur beachdan fhèin aig bonn na duilleige.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.