Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe|Prìomh phost|Ath-phost »

Fliopadh nam Ban?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher|2009-12-15, 14:38

Bho seo a-mach cha bhi e ceadaichte do buill na pàrlamaid Albannaich buill an teaghlaich fhèin fhastadh agus taic fhaighinn bhon spòran phoblach air a shon.

Tha aig an fheadhainn a tha air am fastadh mar-thà gu ruige 2015 airson cosnaidhean eile a lorg.

Cha bhi e ceadaichte, mar eisimpleir, do bhall a bhean a fhastadh airson obair chlèireach a dhèanamh dha.

B' urrainn dha, ge-tà, bean buill eile a fhastadh airson an obair sin a dhèanamh.

Am faca sibh am prògram telebhisean Wife Swap a-riamh?

Ceist eile - as dèidh na connspaid mu dharna dachaighean aig Westminster, a bidh aig buill ri bean a chlàradh mar am prìomh bhean agus te eile mar an darna bhean?

Agus dè thacradh nan robh ball ri fliopadh nam ban aige?

Siostam nan cosgaisean

Co-dhiù - an-diugh tha Sir Niall Mac an Tòisich air an aithisg aige fhoillseachadh mu shiostam nan cosgaisean aig Holyrood.

Aig coinneamh naidheachd sa phàrlamaid thuirt Sir Niall nach robh fianais gun robh buill air brath a ghabhail air an t-siostam.

Ach, thuirt e, bha gnìomhan ùra a dhith airson misneachd a' mhòr-shluaigh a thogail.

A' bharrachd air a' mholadh air fastadh bhall teaghlaich, mhol Sir Niall gnìomh gus stad a chur air buill cìsean a sheachnadh tro atharrachadh clàradh nan dachaighean aca.

Fon phlana, bhiodh aig buill ri pàipear a chomharrachadh a' gealltainn gun cumadh iad taobh a-staigh nan riaghailtean.

Agus mhol e gnìomh gus airgead fhaighinn air ais bho bhuill a bha air na riaghailtean sin a bhriseadh.

Dh'fhaodadh sibh faighneachd carson a tha gealltanas a dhith mas e riaghailtean a tha annta - nach eil e follaiseach gu feum buill na riaghailtean leantainn?

Gluasad air adhart

Tha an t-Oifigear Riaghalaidh air fàilte a chur air an aithisg agus thèid na molaidhean don phàrlamaid anns a' bhliadhna ùir.

Bidh aig buill ri bhòtadh air cuid dhiubh mus tig iad an gnìomh.

Cha bhi a h-uile duine toilichte leis a' chasg air fastadh bhall teaghlaich.

Ach bu chalma am ball a bhòtadh na aghaidh as dèidh na feirge mu chosgaisean am bliadhna.

Tha an fhearg sin air buaidh a thoirt air Holyrood ged a thuirt Sir Niall Mac an Tòisich fhèin nach robh an siostam Albannach briste.

A-nis, tha e airson a' chaibideal seo a dhùnadh agus gluasad air adhart.

Chì sin an obraich e.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.