'S e a' chuimhne a th' air Rìgh Eideard I Shasainn, gur e a dh'adhbharaich Cogaidhean Saorsa na h-Alba. Bha e air fhaicinn mar cheannard làidir agus mar shaighdear treun – ach carson a thug e ionnsaigh air Alba?
Faigh a-mach mu Rìgh Eideard I Shasainn.

Carson a thug Eideard I ionnsaigh air Alba?
Ann an 1292, chaochail Alasdair III, Rìgh na h-Alba.
Dh'iarr uaislean na h-Alba air Eideard I an cuideachadh gus rìgh ùr a thaghadh.
Bha dùil gun robh Eideard na charaid do dh'Alba. Dè b' urrainn a dhol ceàrr?
Ach nuair a thàinig Iain Balliol gu bhith na Rìgh na h-Alba, thuirt Eideard gum feumadh Balliol coimhead air-san mar cheannard! Bha e an dùil gun toireadh Iain agus Alba taic dha ann an cogadh an aghaidh na Frainge.
Bha iarlan na h-Alba airson gun seasadh Iain suas ri Eideard. Mar sin ann an 1295, shoidhnig Iain caidreachas ris An Fhraing – An Seann Chaidreachas.
Ann an 1296 thog Eideard feachd mòr agus thug e ionnsaigh air Alba.
Dè an uair sin a thachair?
Rinn Eideard a' chùis air na h-Albannaich aig Blàr Dhùn Barra, ach bha trioblaid eile roimhe nuair a thòisich Uilleam Ualas agus an uair sin Raibeart Brus air sabaid air ais.
Ann an 1306 mhèarrs Eideard a dh'Alba le feachd mòr airson a dhol a shabaid ri rìgh ùr na h-Alba, Raibeart Brus.
Ràinig e crìochan na h-Alba, ach an uair sin dh'fhàs e tinn agus chaochail e.
A rèir aon aithris, b' e a mhiann nach deigheadh a thiodhlacadh gus am biodh Alba air a cur fodha. Cha do thachair sin agus chaidh Eideard a thiodhlacadh ann an Abaid na h-Iar-mhanachainn.


Fiosrachadh mu Eideard
- Rugadh Eideard ann an 1239
- Ann an 1264 chaidh Eideard a chur dhan phrìosan nuair rinn barain Shasannach ar-a-mach
- Ann an 1271 ghabh Eideard pàirt ann an Cogadh-croise airson feuchainn ri Ierusalem a shaoradh bho smachd nam Muslamach
- Rinn Eideard iomairt mhòr airson A' Chuimrigh a chur fodha
- Thog Eideard tòrr chaistealan sa Chuimrigh leithid Caistealan Caernarfon, Conwy agus Harlech
- Bha dà far-ainm air Eideard - 'Longshanks' oir bha e cho àrd agus 'Òrd nan Albannach' - tha e follaiseach carson a bha sin air

More on Cogaidhean na Saorsa
Find out more by working through a topic
- count7 of 11

- count8 of 11

- count9 of 11

- count10 of 11
