Blàr Drochaid Shruighlea, 1297

Part ofCuspairean SòisealtaCogaidhean na Saorsa

Chuidich ro-innleachd ghleusta feachd beag Albannach, le Uilleam Ualas agus Anndra Moireach os a cionn, gus feachd Shasannach a bha gu math na bu mhotha a chur fodha ann an Sruighlea air 11 Sultain, 1297.

Faigh a-mach mu Bhlàr Drochaid Shruighlea.

Ciamar a rinn Uilleam Ualas a' chùis air feachd Shasainn aig Drochaid Shruighlea?

Bha feachd Shasainn gu math na bu mhotha na bha feachd na h-Alba, mar sin dh'fheumadh Ualas agus ceannard eile nam feachdan Albannach Anndra Moireach a bhith nas gleusta.

Bha an dà fheachd air gach taobh de dh'Abhainn Fhoirthe. Cha robh dòigh a gheibheadh na Sasannaich gu na h-Albannaich ach le dhol tarsainn drochaid chumhang fhiodha. Bha na h-Albannaich a' feitheamh air an taobh eile.

Mar a chleachd Ualas agus Moireach an talamh

  • Leig iad le pàirt de dh'fheachd Shasainn a dhol tarsainn na drochaid agus thug iad ionnsaigh an uair sin
  • Ghlac iad saighdearan Shasainn ann an lùb na h-aibhne
  • Chan fhaigheadh an còrr de dh'fheachd Shasainn tarsainn na drochaid airson an cuideachadh
  • Bha uiread a dhaoine air an drochaid 's nach faigheadh na saighdearan Sasannach air teiche a-null

Blàr Drochaid Shruighlea: Prìomh cheumannan

Image gallerySkip image gallerySlide1 of 5, Dealbh den drochaid fhiodha taobh a-muigh Caisteal Shruighlea, Abhainn Fhoirthe Bha feachdan Shasainn agus feachdan na h-Alba air gach taobh de dh'Abhainn Fhoirthe. Dh'fheumadh ridirean Shasainn a dhol tarsainn drochaid chumhang fhiodha airson faighinn gu na h-Albannaich.
Dealbh den t-sealladh bho Chaisteal Shruighlea gu làrach Blàr Drochaid Shruighlea
Image caption,
An sealladh bho Chaisteal Shruighlea gu làrach Blàr Drochaid Shruighlea.

Dè thachair an dèidh a' bhlàir?

B' e buaidh iongantach a bh' anns a' bhlàr ach bha cosgais na lùib.

Chaidh Anndra Moireach, co-cheannard Ualas air feachd na h-Alba, a dhroch leòn sa bhlàr agus chaochail e goirid an dèidh sin.

Bha Rìgh Eideard I feargach gun do chaill e. Ghabh e smachd pearsanta air feachd Sasannach agus mheàrrs e gu tuath airson Ualas a lorg agus buaidh fhaighinn air.

An ath bhliadhna, choinnicheadh Ualas agus Eideard aig Blàr na h-Eaglaise Brice.

Dealbh den t-sealladh bho Chaisteal Shruighlea gu làrach Blàr Drochaid Shruighlea
Image caption,
An sealladh bho Chaisteal Shruighlea gu làrach Blàr Drochaid Shruighlea.

More on Cogaidhean na Saorsa

Find out more by working through a topic