Chaill feachd Shasainn fo Rìgh Eideard I an aghaidh Uilleam Ualas agus Anndra Moireach aig Drochaid Shruighlea ann an 1297, agus bha Eideard coma ach a' chùis a dhèanamh air na h-Albannaich aig Blàr na h-Eaglaise Brice air 22 Iuchar, 1298.
Faigh a-mach mu Bhlàr na h-Eaglaise Brice.
Carson a chaill Uilleam Ualas am blàr?
Rinn Ualas a' chùis air feachd Sasannach gu math na mu mhotha aig Blàr Drochaid Shruighlea. Carson mar sin a chaill e an turas seo?
Ann an Sruighlea, chuir Ualas na saighdearan aige ann am buidhnean, mòra, teann ris an canar sioltroin.
Bha pìcean fada aig na fir agus bha na buidhnean coltach ri gràineagan, agus chan fhaigheadh ridirean Shasainn seachad orra.
Dh'ionnsaich Eideard I san Eaglais Bhric.
An àite a dhol faisg air na sioltroin airson sabaid riutha le ridirean air eich, chleachd e boghadairean le boghachan-fada airson ionnsaigh a thoirt orra gu sàbhailte pìos air falbh.
Bha boghachan nam boghadairean Albannach gu math na bu lugha agus dh'fheumadh iad a bhith faisg air daoine airson an cleachdadh. Thug seo buannachd mhòr do bhoghadairean Shasainn.
Blàr na h-Eaglaise Brice: Prìomh cheumannan

Image caption, Àireamhan nach robh co-ionann
Choinnich an dà fheachd aig an Eaglais Bhric air 22 Iuchar 1298. Bha Uilleam Ualas os cionn feachd na h-Alba san robh 6,000 fear. Bha 15,000 fear ann am feachd Shasainn le Eideard I os an cionn.
1 of 6

Fiosrachadh air boghachan-fada
- Bha cuid a bhoghachan-fada sia troighean a dh'fhaid
- Bhiodh iad uaireannan na b' àirde na na daoine a bha gan cleachdadh
- Bha rains fhada aca – còrr 's dà uiread faid pàirc ball-coise!
- Dhèanadh na saighdean aca tuill ann an armachd
Cha robh teansa aig na saighdearan Albannach!

Cliog air an ìomhaigh eadar-obrachail agus chì thu mar a bha an dà thaobh ann an loidhnichean air raon a' bhlàir:
More on Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh
Find out more by working through a topic
- count27 of 28

- count28 of 28

- count1 of 28

- count2 of 28





