Tha gach neach againn diofraichte agus bidh sinn ag ithe agus ag òl diofar rudan. Gheibh sinn a-mach carson.
Carson a bhios sinn uile ag ithe biadh diofraichte?
Air sgàth adhartas ann a bhith a’ dèanamh biadh, tha mòran roghainnean againn ann am biadh is ann an deoch. Canaidh sinn ar daithead ris na bhios sinn ag ithe agus ag òl.
Tha feuman daithead sònraichte aig cuid de dhaoine. 'S e sin daithead anns a bheil biadh sònraichte no a tha a' seachnadh biadh sònraichte. Faodaidh daitheadan a bhith diofraichte air sgàth iomadh adhbhar mar:
- aileirdsidhean, neo-fhulangasan no cùisean slàinte
- creideamh
- roghainnean cultarail
Aileirdsidhean bìdh
Bidh siostam-dìon ar bodhaig gar dìon bho bhacteria agus bho bhìorasan. Bidh e a' feuchainn ri ar cumail bho fhàs tinn agus gar cuideachadh a' fàs nas fheàrr ma dh'fhàsas sinn tinn.
Tha aileirdsidh bìdh a' ciallachadh gu bheil biadh sònraichte a' dèanamh cron mòr air an t-siostam-dìon againn.
- Faodaidh cuid de dh'aileirdsidhean bìdh a bhith cunnartach.
- Tha at, tachas no duilgheadas analachaidh agus duilgheadas sluigeil nan comharran air aileirdsidh bìdh.
- Feumaidh daoine le aileirdsidh bìdh a bhith faiceallach gun seachain iad am biadh sin airson gum bi iad sàbhailte agus gu math.
- Faodaidh daoine a bhith aileirdsig ri iomadh seòrsa rud.
- 'S e na h-aileirdsidhean bìdh as cumanta: bainne na bà, cnothan, uighean, iasg (gu h-àraidh maorach) agus gluten.
- Gu fortanach, ma tha aileirdsidh bìdh ort, tha iomadh roghainn eile ann dhut.
Aileirdsidh bainne
Tha e gu math cumanta a bhith aileirdsig ri bainne. Bidh sinn ag ithe tòrr bathair air a dhèanamh à bainne na bà, mar ìm, càise agus reòiteag. Tha calcium ann am bainne na bà agus feumaidh sinn sin airson cnàmhan làidir.
Tha iomadh roghainn gun bhainne ann do dhaoine nach urrainn a ghabhail. Mar eisimpleir, bainne air a dhèanamh bho dhiofar lusan mar soy, almain, cnò-còco, no coirce. Tha calcium a bharrachd ga chur ann an tòrr dhen bhiadh anns nach eil bainne na bà.
Aileirdsidh gluten
Tha aileirdsidh gluten air mòran dhaoine. 'S e pròtain a th' ann an gluten agus tha e ann an gràn mar cruithneachd agus seagal.
Tha gluten ann an tòrr dhen bhiadh air a dhèanamh le flùr, mar aran, briosgaidean agus pasta. Gabhaidh tòrr dhen bhiadh sin a dhèanamh le gràn diofraichte agus tha roghainnean gun ghluten ann a-nis.
Chan e an aon rud a th' ann an aileirdsidh gluten agus ann an neo-fhulangas gluten no tinneas coeliac.
Aileirdsidh chnothan-talmhainn
Chan fhaod daoine le aileirdsidh chnothan-talmhainn a bhith gan ithe. Feumaidh cuid dhiubh dèanamh cinnteach gun seachain iad a bhith an lùib chnothan-talmhainn ann an dòigh sam bith.
Ma bhios iad ag ithe ann an taigh-bìdh, feumaidh iad a bhith cinnteach nach robh cnothan-talmhainn gan deasachadh faisg air a' bhiadh aca agus nach deach am biadh a bhruich ann an ola cnò-thalmhainn. Ma tha aileirdsidh orra a tha uabhasach dona, feumaidh iad cumail air falbh bho dhaoine a tha ag ithe chnothan-talmhainn.
Aileirdsidhean cumanta

Image caption, Bainne
Tha bainne stèidhichte air lusan ann do dhaoine nach urrainn bainne na bà a ghabhail. Mar eisimpleir, bainne bho almain.
1 of 5
Neo-fhulangasan bìdh
Chan e an aon rud idir a th' ann an neo-fhulangas bìdh agus ann an aileirdsidh bìdh (nuair a bhios biadh a' dèanamh cron mòr air siostam-dìon do bhodhaig).
Chan eil neo-fhulangasan bìdh cho cunnartach. Chan adhbhraich iad comharran a chuireas beatha ann an cunnart. Faodaidh iad buaidh a thoirt air siostam a' chnàmhaidh agus ceann goirt agus sèid san stamaig a thoirt dhut.
Tinneas coeliac
Feumaidh daoine le tinneas coeliac an aire a thoirt nach ith iad gluten. Tha tinneas coeliac a' ciallachadh gum bi an siostam-dìon agad a' milleadh do chaolain ma dh'itheas tu gluten. Faodaidh seo a bhith uabhasach goirt agus 's dòcha gun sguir do bhodhaig a shùghadh mathachadh mar bu chòir.
Tha e glè chudromach nach gabh daoine le tinneas coeliac biadh air a ghànrachadh le gluten nuair a tha e air a dhèanamh, air a bhruich no air a fhrithealadh.

Creideamh
Bidh creideasan sònraichte mar as trice aig daoine a bhuineas do chreideamh. Dh'fhaodadh gun toir na creideasan sin buaidh air a' bhiadh a bhios iad ag ithe. Mar eisimpleir:
Tha riaghailtean kosher ann mun dòigh anns am bi daoine a tha a' leantainn teagasg Iùdhach anns an Torah a' deasachadh biadh agus ga ithe. Mar eisimpleir, cha bhi feòil-mhuic no maorach ann am bidh kosher. Feumaidh feòil a bhith air a deasachadh ann an dòighean àraidh, agus chan fhaodar bathar bainne agus bathar feòla a chumail còmhla.
'S e halal an t-ainm airson biadh a tha ceadaichte a rèir Islam. Feumaidh cuid de bhiadhan a bhith air an deasachadh agus air an ithe ann an dòigh àraidh a rèir teagasg Islam anns a' Qhur'an.
Bidh mòran Hinduthan a' seachnadh feòil-mhairt mar phàirt dhen chreideamh aca.

Roghainnean cultarail
Faodaidh cultar (beachdan no luachan coitcheann aig buidheann dhaoine) cuideachd buaidh a thoirt air an daithead againn.
Bidh mòran dhaoine a' leantainn daithead shònraichte airson iomadh adhbhar, mar dìon na h-àrainneachd agus math bheathaichean.
Eisimpleirean cumanta:
- Lus-itheadairean - nach bi ag ithe feòil. 'S àbhaist gun ith iad bathar eile bho bheathaichean, mar uighean agus bathar bainne.
- Veganaich - nach bi ag ithe feòil no dad sam bith bho bheathaichean, mar càise agus bainne.
- Iasg-itheadairean - nach ith feòil ach a dh'itheas iasg agus bathar eile bho bheathaichean.
Feuch na ceistean ceart no ceàrr seo airson faighinn a-mach dè as aithne dhut mu fheuman agus roghainnean daithead dhaoine.
Dùbhlan
Faodaidh e bhith gu math dùbhlanach daithead shònraichte a leantainn. Mar eisimpleir, le aileirdsidh bìdh, 's dòcha gum bi e doirbh rudan a lorg a tha sàbhailte ithe, gu h-àraidh ann an taigh-bìdh.
Bu chòir fiosrachadh a bhith air a' chlàr-bìdh mun stuth a tha sa bhiadh. Glè thric bidh leubailean ann airson daoine a chuideachadh a rèir 's nam feumalachdan agus nan roghainnean aca, mar:
- V ma tha am biadh freagarrach do lus-itheadairean
- GF mura bheil gluten sa bhiadh
An tèid agad air clàr-bìdh a dhealbh do chuideigin le feumalachdan daithead sònraichte?
More on Biadh agus slàinte
Find out more by working through a topic
- count5 of 10

- count6 of 10

- count7 of 10

- count8 of 10




