Biadh aig diofar ìrean de ar beatha

Part ofSlàinte agus sunndBiadh agus slàinte

Tha feumalachdan mathachaidh cudromach aig leanabain, clann agus deugairean airson gum fàs iad, gun tig iad air adhart agus gum bi iad sunndach. Faigh a-mach barrachd mun adhbhar a dh'fheumas sinn biadh diofraichte mar a bhios ar beatha a' dol air adhart.

Tha feumalachdan mathachaidh againn aig gach ìre de ar beatha.

Leanabain (0-2 bhliadhna)

  • Feumaidh leanabain bainne nuair a thèid am breith.
  • Bidh iad ag ionnsachadh mar a dh'itheas iad biadh bho nuair a bhios iad sia mìosan.
  • Nuair a bhios leanabain ag ionnsachadh mar a dh'itheas iad biadh, bidh iad a' gabhail biadh bog bhon nach eil fiaclan aca airson cagnadh. Mar eisimpleir tha e furasta do leanabain banana no abhocado pronn ithe.
  • Bu chòir iomadh seòrsa bìdh a thoirt do leanabain airson gum fàs iad cleachdte ri iomadh blas.
  • Cha bu chòir dhaibh ach glè bheag de shalainn a ghabhail chionn chan eil na h-àirnean aca deiseil airson salainn fhathast.

Clann (3-12 bliadhna)

  • Tha na fiaclan uile a-nis aig clann agus bu chòir dhaibh a bhith ag ithe iomadh seòrsa bìdh.
  • Feumaidh iad carbohaidreatan airson lùth agus biadh anns nach eil cus salainn no siùcar ach a tha làn mathachaidh 's bheothamain.
  • Feumaidh clann uisge gu leòr òl gach latha chionn tha e riatanach airson gun obraich ar bodhaigean mar bu chòir.

Deugairean (13-19 bliadhna)

  • Bu chòir daithead chothromaichte a bhith aig deugairean.
  • Tha bodhaig deugaire a' faighinn deiseil airson a bhith na inbheach. Feumaidh iad connadh math a thoirt dha na bodhaigean aca bhon a tha iad a' fàs agus ag atharrachadh.
  • Tha e cudromach gum fàs deugairean cleachdte ri dòighean ithe fallain a leanas riutha nuair a bhios iad nan inbhich.
  • Bu chòir dhaibh a bhith a' gabhail rudeigin bho na còig buidhnean bìdh agus amas air targaidean slàinte mar còig cuibhreannan lusan is mheasan gach latha.
  • Bu chòir do dheugairean a bhith ag òl eadar sia agus ochd glainne uisge san latha.

Feumaidh sinn biadh anns a bheil tòrr mathachaidh agus lùth aig gach ìre fàis.

Image gallerySkip image gallerySlide1 of 3, Leanabh ag ithe bho spàin, Leanabain (0-2 bhliadhna) Bidh leanabain a' gabhail bainne nuair a thèid am breith. Nuair a bhios iad sia mìosan, tòisichidh iad ag ionnsachadh mar a ghabhas iad biadh eile.

Na tha biadh a' toirt dhuinn

Aig gach ìre de ar beatha tha sinn a' fàs, agus feumaidh sinn daithead fhallain le diofar bhiadhan làn mathachaidh agus lùth. Mar eisimpleir, tha bananathan, iasg agus rus ruadh làn mathachaidh.

Ach aig cuid de dh'ìrean 's dòcha gum feum sinn barrachd de bheothaman sònraichte no de mhathachadh. Tha sinn cuideachd a' cur feum air barrachd bìdh mar a tha sinn ag atharrachadh agus a' fàs bho bhith nar leanabain gu bhith nar n-inbhich.

Seo eisimpleirean dhen mhathachadh a dh'fheumas sinn aig gach ìre de ar beatha:

Leanabain

  • Tha feòil, iasg, pònairean agus uighean làn pròtain a bhios a' toirt chnàmhan agus maothran fallain nuair a thòisicheas leanabain air gluasad, nuair a bhios iad air am màgaran agus a' coiseachd.
  • Tha leanabain a' faighinn beothaman A agus beothaman C bho mheasan agus lusan airson an cuideachadh a' sabaid bhitheagan. Tha beothaman A math dhan chraiceann agus dha na sùilean. Tha beothaman C a' cuideachadh le bhith a' sùghadh iarann bho bhiadhan eile.

Clann

  • Tha calcium, a tha a' dèanamh chnàmhan làidir, fallain ann am bainne agus ann am bathar bainne mar iogart agus càise.
  • Tha aran ruadh, cuid de ghràin agus lusan làn freumhaig a tha a' cuideachadh gu biadh a chnàmh.

Deugairean

  • Tha biadh anns a bheil potasium, mar bloinigean-gàrraidh agus buntàta milis math airson cridhe fallain agus bruthadh fala.
  • Tha cnothan agus abhocadothan làn magnesium a bhios a' cuideachadh le pian ann an cnàmhan a tha a' fàs. Tha seo uabhasach feumail aig an ìre seo de ar beatha chionn bidh ar bodhaig a' fàs gu luath aig amannan.

Faclan feumail

  • Cnàmh – a' briseadh sìos biadh nar bodhaigean airson gum faigh sinn am mathachadh.
  • Daithead – na bhios sinn ag ithe agus ag òl.
  • Mathachadh – na rudan a th' ann am biadh agus a' bhuaidh a tha aca air ar bodhaigean.
  • Pròtain – biadh a bhios a' togail fhèithean fallain agus a' leigeil le ar bodhaigean fàs agus iad fhèin a leigheas. Biadh mar iasg, feòil, pònairean, pòran-cochaill and uighean.
  • Carbohaidreatan – biadh a bhios a' cumail an ìre lùth againn suas, mar aran, rus, pasta agus buntàta.
  • Geir – biadh a tha na stòr lùtha mar ìm, margarain agus ola a' chroinn-ola.
  • Freumhag – biadh a tha math do shiostam a' chnàmhaidh (biadh a’ dol tron stamaig), mar aran slàn-ghràn agus pasta.
  • Beothamain agus mèinnearan – tha iad seo ann an tòrr bhiadhan. Bidh iad a' cuideachadh gach pàirt dhen bhodhaig gu bhith ag obrachadh ceart agus a bhith fallain. Tha potasium, magnesium agus calcium nan eisimpleirean de mhèinnearan. Tha A, C, D agus B6 nan eisimpleirean de bheothamain.
  • Biadh pàiste - biadh a tha furasta do leanabain a ghabhail nuair a tha iad a' fàs cleachdte ri biadh mean air mhean.
  • Siostam-dìon na bodhaig – a' dìon na bodhaig bho thinneas.

Feuch air na ceistean seo agus faic dè as aithne dhut mu bhiadh aig diofar ìrean de ar beatha.

Dùbhlan

Tagh aon ìre bho leanabain, clann no deugairean agus dèan map inntinn air a bheil a h-uile nì a dh'ionnsaich thu mu fheumalachdan mathachaidh aig an ìre sin.

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic