Prìomh fhiosrachadh
Tha sinne a' fuireach air an Talamh a tha a' cur cuairt mun Ghrèin, bho bheil sinn a' faighinn teas agus solas.
San artaigil seo mun Fhànas, gheibh thu a-mach:
- dè tha anns an Talamh, a' Ghrian agus a' Ghealach agus mar a tha iad diofraichte
- an t-adhbhar a tha latha agus oidhche againn
- an t-adhbhar airson diofar ràithean
- mu ghluasad agus cruthan na Gealaich
Coimhead
Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach carson a tha latha agus oidhche againn, agus an t-adhbhar airson diofar ràithean.
Shuas a seo air Stèisean Eadar-nàiseanta an Fhànais, cha bhi na ràithean a' toirt buaidh orm, ach air an Talamh tha na ràithean an-còmhnaidh ag atharrachadh. An t-earrach, an samhradh, am foghar agus an geamhradh. Dè bhios a' toirt air na ràithean atharrachadh?
Nach toir sinn sùil air a' mhodail seo.
'S e reul a tha anns a' Ghrèin, ball mòr de ghasaichean teth. Tha an teas agus an solas a tha i a' cur a-mach a' cuideachadh ann a bhith a' cumail a h-uile càil air a' phlanaid againn beò.
Nuair a chì sinn a' ghrian a' gluasad tarsainn an adhair tron latha 's ann air sgàth 's gu bheil an Talamh a' cur car, 's chan e a' Ghrian.
Nach cuir sinn comharra air Alba.
Nuair a bhios a' phàirt seo dhen Talamh a' coimhead ris a' Ghrèin 's e an latha a th' ann, agus nuair a tha e a' coimhead air falbh bhon Ghrèin 's e an oidhche a th' ann.
'S ann le aon char dhen Talamh a bhios sinn a' tomhas aon latha slàn.
Fhad 's a tha an Talamh a' cur car airson latha agus oidhche a thoirt dhuinn, tha e cuideachd a' gluasad mun cuairt na Grèine. Canar reul-chuairt ris a' ghluasad seo.
Bidh sinn a' tomhas aon bhliadhna le aon reul-chuairt dhen Talamh mun cuairt na Grèine.
Tha an Talamh a' cur car 365 turas ann an aon bhliadhna. Sin an t-adhbhar a tha 365 latha ann am bliadhna.
Canar axis ris an loidhne mu bheil rudeigin a' cur car. Tha axis na Talmhainn ag aomadh aig ceàrn. 'S e aomadh na Talmhainn an t-adhbhar a tha na ràithean ag atharrachadh.
Canar an leth-chruinne a tuath ri leth àrd na Talmhainn, agus an leth-chruinne a deas ris an leth ìosal.
Aig a' phuing seo dhen reul-chuairt, tha aomadh na Talmhainn a' ciallachadh gu bheil an leth-chruinne a deas a' coimhead barrachd chun na Grèine. Tha seo a' ciallachadh gu bheil an teas agus an solas bhon Ghrèin nas dìriche agus nas làidire. Seo na làithean as fhaide dhen bhliadhna agus na h-oidhcheannan as giorra.
Seo an samhradh anns an leth-chruinne a deas.
Aig an aon àm tha an leth-chruinne a tuath ag aomadh air falbh bhon Ghrèin. Chan eil an solas no an teas bhon Ghrèin cho dìreach, agus tha e air a sgaoileadh thar farsaingeachd nas motha, agus mar sin chan eil uiread de bhlàths na chois. Tha an t-aomadh a' ciallachadh gu bheil na h-oidhcheannan nas fhaide agus na làithean nas giorra.
Seo an geamhradh anns an leth-chruinne a tuath.
Ann an Alba tha an geamhradh againn aig toiseach na bliadhna.
Sia mìosan às dèidh sin tha an Talamh air a dhol letheach tron reul-chuairt aige. Tha an leth-chruinne a deas a-nis ag aomadh air falbh bhon Ghrèin agus 's e an geamhradh a th' ann.
Aig an aon àm 's e an samhradh a tha anns an leth-chruinne a tuath chionn 's gu bheil e a-nis ag aomadh barrachd chun na Grèine.
Tha aomadh na Talmhainn a' ciallachadh gu bheil ceithir ràithean againn fhad 's a tha sinn a' cur reul-chuairt mun Ghrèin.
Mar sin, a' tòiseachadh leis a' gheamhradh anns an leth-chruinne a tuath, tha an Talamh a' gluasad mun cuairt agus tha na làithean a' fàs nas fhaide agus nas blàithe gus an tig earrach.
Tha an leth-chruinne a tuath a' cumail air ag aomadh barrachd is barrachd chun na Grèine, gus an tig na làithean as fhaide anns an Ògmhios.
An dèidh an t-samhraidh, tha e a' tòiseachadh ag aomadh air falbh bhon Ghrèin a-rithist. Bidh na làithean a' fàs nas giorra agus nas fhuaire mar a bhios sinn a' gluasad dhan fhoghar.
Tha na làithean a' fàs nas giorra agus nas giorra gus am bi an leth-chruinne a tuath aig an aomadh as fhaide bhon Ghrèin. Tha an geamhradh ann a-rithist.
Tha sinn air reul-chuairt eile a chur air a' Ghrèin agus nuair a tha bliadhna ùr a' tòiseachadh, tha cuairt nan ràithean a' tòiseachadh a-rithist.
Dè tha anns an Talamh, a' Ghrian agus a' Ghealach?
Tha sinn a' fuireach air an Talamh. 'S e planaidNì mòr, le cruth cruinne a bhios a' cur cuairt mu reul. Faodaidh planaidean a bhith air an dèanamh de theann-stuth no de ghasaichean. a tha anns an Talamh air a dhèanamh de chreag agus de mheatailtean.
Bidh an Talamh a' cur cuairt mun Ghrèin air slighe ris an can sinn reul-chuairtAnn an reul-chuairt, bidh nì a' dol mun cuairt nì eile gu riaghailteach, mar eisimpleir planaid a' dol mun cuairt reul. Tha reul-chuairt cuideachd a' ciallachadh na slighe a bhios nì a' dol mun cuairt.. 'S e reulBall mòr, mòr de ghas a tha a' losgadh agus a' dealradh agus a bhios a' cur a-mach solas agus teas. a tha anns a' Ghrèin, agus tha i air a dèanamh de ghasaichean teth, deàlrach.
'S e saidealNì a bhios a' dol mun cuairt planaid no reul. Faodaidh saidealan a bhith nan nithean nàdarra, mar eisimpleir gealaichean, no air an dèanamh le daoine, mar eisimpleir saidealan sìde no an Stèisean-fànais Eadar-nàiseanta. a tha anns a' Ghealaich agus tha i air a dèanamh de chreag. Dìreach mar a tha an Talamh a' cur cuairt air a' Ghrèin, tha a' Ghealach a' cur cuairt air an Talamh.
- Image source, NASA

Image caption, Seo an Talamh a' coimhead air bhon fhànas.
'S e dùthchannan a tha anns an uaine agus anns a' bhuidhe. 'S e an gorm a' mhuir agus 's e sgòthan a tha anns na rudan geala.
- Image source, NASA

Image caption, Seo a' Ghealach a' coimhead oirre tro theileasgop.
Am faic thu cearcaill air an uachdar aice? Sin crèataran a rinn creagan a bhuail anns a' Ghealaich.
- Image source, NASA

Image caption, Chì thu mar a tha a' Ghrian a' coimhead anns an dealbh seo a' cleachdadh camara le fioltairean a tha a' dèanamh an deilbh nas duirche.
Tha a' Ghrian ro shoillseach airson camarathan àbhaisteach, agus tha i ro shoillseach dhuinne airson coimhead oirre. Na coimhead gu bràth gu dìreach air a' Ghrèin no millidh tu do shùilean.
1 of 3
'S e cruinne (cruth coltach ri ball) a tha anns an Talamh, anns a' Ghrèin agus anns a' Ghealaich. Ach tha iad de dhiofar mheudan.
- Tha a' Ghrian 109 turas nas leatha na an Talamh
- Tha an Talamh còrr is trì tursan nas leatha na a' Ghealach
Mar a nì thu modail sgèile dhen Talamh agus dhen Ghrèin

Image caption, Cliog agus chì thu taisbeanadh ceum-air-cheum

Image caption, NA DH'FHEUMAS TU
Rùilear, ball-coise (mu 22 cm) agus crèadh modailidh.

Image caption, CEUM 1 - Dèan ball beag le crèadh modailidh.
Bu chòir dha a bhith mu 2 mm a leud. Faodaidh tu seo a dhearbhadh le rùilear.

Image caption, CEUM 2 - Dèan coimeas eadar am ball-coise agus am ball crèadha a thaobh meud.
Tha am ball-coise a' riochdachadh na Grèine agus am ball crèadha an Talamh.

Image caption, CEUM 3 - Cuir am ball-coise 23 m (mu 23 ceumannan mòra) air falbh bhon chrèadh modailidh.
Tha thu a-nis air modail a dhèanamh dhen Ghrèin, an Talamh agus an t-astar a tha eatarra. An creideadh tu gun toireadh an ruitheadair as luaithe 500 bliadhna a' ruith eadar na dhà?
1 of 5
Ciamar a bhios sinn a' faighinn latha agus oidhche?
Tha an Talamh a' cur car fad na h-ùine mun axisLoidhne dhìreach mu bheil rudeigin a' cur car. aige (loidhne mhac-meanmnail a' dol tron Talamh bhon Phòla a Tuath chun a' Phòla a Deas).
Bidh a' phlanaid a' toirt 24 uairean a thìde a' cur car aon turas. Sin an t-adhbhar a tha 24 uairean a thìde ann an aon latha slàn (an oidhche cuideachd).
- nuair a bhios pàirt dhen Talamh a' coimhead ris a' Ghrèin agus solas na Grèine a' deàrrsadh air, tha an latha ann.
- nuair a bhios pàirt dhen Talamh a' coimhead air falbh bhon Ghrèin, bidh e ann an dorchadas. Seo an oidhche.
Bhon a tha an Talamh a' cur car dheth gu mall fad na h-ùine, bidh a h-uile h-àite air an Talamh a' tionndadh a-mach 's a-steach à solas na Grèine, a' gluasad eadar latha agus oidhche.

Ceistean
Carson a tha bliadhna againn le ràithean?
A bharrachd air an Talamh a bhith a' cur car air an axis aige, tha e cuideachd a' cur cuairt air a' Ghrèin aig an aon àm.
Bidh an Talamh a' toirt 365 lathaichean agus cairteal a' cur aon chuairt shlàn mun Ghrèin. Sin an t-adhbhar a tha 365 lathaichean ann am bliadhna air an Talamh.
('S e an cairteal latha a bharrachd an t-adhbhar gu bheil bliadhna-lèim de 366 lathaichean againn a h-uile ceithir bliadhna.)
Gnìomh
Carson a tha ceithir ràithean againn?
Tha axis na Talmhainn ag aomadh beagan. Tha an t-aomadh seo a' toirt dhuinn nan ràithean.
'S e na ceithir ràithean an t-earrach, an samhradh, am foghar agus an geamhradh.
Geamhradh - Tha an geamhradh againn nuair a tha an leth-chruinne a tuath (far a bheil sinne a' fuireach) ag aomadh air falbh bhon Ghrèin. Bidh solas na grèine a' bualadh air an talamh aig ceàrn tana. Bidh seo a' sgaoileadh solas na grèine thar farsaingeachd mhòr. Chan eil e mar sin cho làidir no cho blàth. Tha an t-sìde as fhuaire agus na h-oidhcheannan as fhaide againn anns a' gheamhradh.
Earrach - Tha an t-earrach againn nuair a tha an leth-chruinne a tuath a' tòiseachadh air aomadh a dh'ionnsaigh na Grèine. Bhon a tha na lathaichean nas fhaide agus a' ghrian nas làidire, tha an t-sìde nas blàithe agus nas soilleire. Tha seo a' cuideachadh lusan gu fàs.
Samhradh - Tha an t-samhradh againn nuair a tha an leth-chruinne a tuath ag aomadh a dh'ionnsaigh na Grèine. Tha seo a' toirt dhuinn lathaichean nas fhaide, agus tha e a' ciallachadh gu bheil gathan na Grèine nas dìriche, nas làidire agus nas blàithe.
Foghar - Thig am foghar nuair a thòisicheas an leth-chruinne a tuath ag aomadh air falbh bhon Ghrèin. Bidh na lathaichean nas giorra, agus bidh solas na Grèine a' bualadh na leth-chruinne a tuath aig ceàrn nas taine. Bidh seo ga dèanamh nas laige agus bidh an t-sìde a' fàs nas fhuaire. Bidh na lathaichean goirid a' toirt air duilleagan nan craobhan an dath atharrachadh.
Seall mar a tha aomadh na Talmhainn a' toirt atharrachadh air na tha an leth-chruinne a tuath a' faighinn de sholas na grèine.

Image caption, Geamhradh - bidh an leth-chruinne a tuath ag aomadh air falbh bhon Ghrèin.
Tha i nas fhaide ann an dorchadas, agus mar sin tha an oidhche nas fhaide againne.

Image caption, Earrach - tha an dà leth-chruinne a' faighinn an aon uiread de sholas na grèine.
Tha an latha agus an oidhche mun aon fhaid anns an dà leth-chruinne.

Image caption, Samhradh - tha an leth-chruinne a tuath ag aomadh a dh'ionnsaigh na Grèine.
Tha a' ghrian ga lasadh nas fhaide, agus tha lathaichean nas fhaide againn.

Image caption, Foghar - bidh an dà leth-chruinne a' faighinn an aon uiread de sholas na grèine.
Tha mun aon fhaid anns an latha agus anns an oidhche anns an dà leth-chruinne.
1 of 4
Carson a bhios cruth na Gealaich ag atharrachadh?
'S e an-còmhnaidh cruinne a tha anns a' Ghealaich. Ach 's dòcha gum faca tu diofar chruthan air a' Ghealaich anns an adhar. Canar tràthan na Gealaich ris na cruthan sin.
Cha bhi a' Ghealach a' dèanamh solas dhi fhèin mar a bhios reul. Tha a' Ghealach a' coimhead soillseach chionn tha i ag ath-thilgeil solas bhon Ghrèin. Dìreach mar an Talamh, tha leth dhen Ghealaich a' coimhead a dh'ionnsaigh na Grèine, agus tha leth a' coimhead air falbh bhuaipe.
Nuair a bhios a' Ghealach a' cur cuairt air an Talamh, chì sinn i bho dhiofar cheàrnan. Chì sinn diofar uireadan dhen taobh shoilleir agus dhen taobh dhorcha. Seo a bhios a' toirt dhuinn diofar thràthan na Gealaich.
Tha an diagram seo a' sealltainn mar a shaoileas tu gu bheil cruth na Gealaich ag atharrachadh nuair a bhios i a' cur car mun Talamh. Tha sin air sgàth 's dè a' phàirt a tha a' coimhead ris a' Ghrèin.
- 🌕 Gealach shlàn - Tha gealach shlàn ann nuair nach faic sinn ach an taobh dhen Ghealaich a tha a' Ghrian a' soilleireachadh.
- 🌑 Gealach ùr - Tha gealach ùr ann nuair nach faic sinn ach an taobh dhen Ghealaich a tha fo sgàile bhon a tha i a' coimhead air falbh bhon Ghrèin.
- 🌗 Leth gealaich – Tha leth gealaich ann nuair a chì sinn cliathaich na Gealaich, agus a chì sinn leth dhen taobh laiste agus leth dhen taobh fo sgàile.
- 🌙 Gealach chorranach – Tha gealach chorranach ann nuair nach faic sinn ach oir bheag dhen taobh laiste agus a' chuid as motha dhen phàirt dhen Ghealaich fo sgàile.
- 🌔 Gealach chrotach – Tha gealach chrotach ann nuair as e taobh laiste na Gealaich as motha a chì sinn ach cuideachd pàirt a tha fo sgàile.
Nuair a tha a' chuid a tha soilleir dhen Ghealaich a' fàs nas motha gach latha, canaidh sinn gu bheil a' Ghealach a' fàs.
Nuair a tha a' chuid a tha soilleir dhen Ghealaich a' fàs nas lugha gach latha, canaidh sinn gu bheil a' Ghealach a' dol air ais.
Bidh a' Ghealach a' toirt beagan is 27 lathaichean a' dol mun cuairt na Talmhainn.
Bidh a' Ghealach a' toirt beagan nas fhaide, 29.5 lathaichean, a dhol tro na tràthan aice gu lèir.
Ceistean
Uachdar na Gealaich
Tha a' Ghealach air a dèanamh de chreag. Tha diofar phàtrain is chumaidhean air an uachdar aice.
'S e crèatarLag coltach ri bòbhla air uachdar nì. Faodaidh spreadhadh, no buaidh nì a' bualadh uabhasach luath crèatar adhbharachadh. a rinn astaroidean no sgeith-rionnagan a bhuail anns a' Ghealaich a th' ann an cuid dhe na làraich.
'S dòcha gum faic thu cuid dhe na crèataran dìreach le do shùilean.
Mas urrainn dhut prosbaig no teileasgop a chleachdadh, bu chòir gum biodh e nas fhasa dhut crèataran fhaicinn.
Image source, NASAA' dèanamh crèataran gealaich
Seo gnìomh rannsachaidh air mar a tha crèataran na Gealaich air an dèanamh.
Na dh'fheumas tu:
pana meatailte nach eil domhainn, no treidhe
min-fhlùir
pùdar teòclaid
marbailean no buill de dhiofar mheudan
A' dèanamh chrèataran
- Lìon am pana gu mu 2 cm a dhoimhneachd le min-fhlùir.
- Cuir craiteachan beag pùdar teòclaid air an uachdar gu lèir.
- Leig às na marbailean no na buill os cionn a' phana.
- Faic mar a tha na marbailean a' dèanamh chrèataran anns a' phana. Tha a' mhin gheal a' tighinn am bàrr.
- Feuch seo le buill de dhiofar mheudan is chuideaman bho dhiofar àirdean is cheàrnan. Faic a bheil na crèataran nas doimhne no de dhiofar chruthan.

Tha na marbailean ag obrachadh mar astaroidRud creagach a bhios a' cur cuairt mun Ghrèin. Tha astaroidean nas lugha na planaidean agus faodaidh cruth sam bith a bhith orra. is reul-chearbachRud air a dhèanamh le dust agus deigh a bhios a' cur cuairt mun Ghrèin. Nuair a bhios i faisg air a' Ghrèin, bidh reul-chearbach a' leigeil ghasaichean agus dust mu sgaoil a chithear mar 'earball' soillseach. a' bualadh ann an uachdar na Gealaich.
Bu chòir gum faiceadh tu nach e dìreach meud an nì a tha a' toirt buaidh air meud a' chrèatar. Tha an tomad aige, agus an luaths aig am buail e an t-uachdar, cuideachd a' dèanamh diofar.