Prìomh fhiosrachadh
Faodaidh tàirneanaich agus dealanaich a bhith gu math inntinneach agus uaireannan rud beag eagalach cuideachd ach dè th' ann an stoirm thàirneanaich?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè bhios ag adhbhrachadh thàirneanaich is dealanaich
- Dè th' ann an dealan stadaigeach
- Mu dhiofar sheòrsaichean dhealanaich
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu thàirneanaich agus dealanaich.
Fuaim thàirneanaich
An robh thu riamh ann an stoirm thàirneanaich?
Uisge mòr, dealanaich a' boillsgeadh agus tàirneanaich a' tormanaich 's a' stararaich. Tha e iongantach agus uaireannan eagalach.
Ach dè th' ann an stoirm thàirneanaich?
Tha e coltach ris a' bhreab bheag dealain a gheibh thu nuair a shrucas tu do chasan air brat-ùrlair 's a shuathas tu ann an làmh an dorais. No, nuair a bhios d' fhalt a' steigeadh ri bailiùn nuair a shuathas tu e air do cheann. Tha iad sin air an adhbhrachadh le dealan stadaigeach. Agus sin a bhios ag adhbhrachadh stoirm thàirneanaich cuideachd.
Bidh stoirm thàirneanaich a' tòiseachadh sna sgòthan. Bidh uisge, agus uaireannan fiù 's pìosan deighe, a' gluasad suas is sìos agus a' bualadh na chèile. Agus, dìreach mar a bhios tu fhèin nuair a shuathas tu bailiùn, bidh iad a' cruthachadh teàirrds dealain, ach teàirrds gu math nas motha!
Ma bhios teàirrds gu leòr ann, sruthaidh e mar shruth dealain mòr uabhasach gu talamh, no taobh a-staigh agus eadar sgòthan. Tha seo coltach ri breab-dealain no sradag mhòr uabhasach - sin dealanaich.
Tha iomadh seòrsa dealanaich ann. 'S e dealanaich sgaoilte an seòrsa as cumanta agus bidh e a' sruthadh eadar na sgòthan agus a' lasadh an adhair gu lèir. Tha dealanaich gobhlach ann cuideachd a bhios a' sruthadh eadar sgòth agus an talamh. Tha fiù 's ball-dhealanaich ann.
Nuair a bhios dealanaich ann, bidh e a' teasachadh na h-èadhair gu mu 10,000°C. Bhon a tha an èadhar a' teasachadh cho luath, bidh i a' meudachadh gu h-obann, 's a' dèanamh tonn-crithe – frith-bhuille san èadhar a chluinneas sinn mar thàirneanaich.
'S àbhaist gum faic sinn an dealanaich mus cluinn sinn an tàirneanaich. Tha sin air sgàth 's gu bheil solas agus fuaim a' siubhal aig luaths eadar-dhealaichte. Bidh an dealanaich a' siubhal uabhasach luath, ach cha bhi fuaim an tàirneanaich cho luath. Agus mar as fhaide air falbh a bhios tu, 's ann as motha a bhios an ùine eadar an dealanaich agus an tàirneanaich.
Obraichidh tu a-mach dè cho fada air falbh 's a tha stoirm thàirneanaich le bhith a' cunntadh nan diogan eadar lasadh an dealanaich agus fuaim an tàirneanaich, agus an uair sin a' roinn na h-àireimh le 3. Bheir sin dhut an t-astar ann an km.
An-ath-turas a bhios stoirm thàirneanaich ann, feuch an obraich thu mach dè cho fada air falbh 's a tha i. Ach feuch gur ann a-staigh a bhios tu, agus sàbhailte.
Ciamar a bhios stoirm thàirneanaich a' tòiseachadh?
- Bidh stoirm thàirneanaich a' tòiseachadh am broinn sgòth.
- Bidh bìdeagan deighe a' gluasad suas is sìos agus a' bualadh na chèile am broinn na sgòth.
- Bidh seo a' tòiseachadh teàirrds dealain.
- Ma dh'fhàsas an teàirrds mòr gu leòr, sruthaidh e gu h-obann mar shruth dealain mòr uabhasach eadar an sgòth agus an talamh, no eadar sgòthan. Chì sinn seo coltach ri sradag mhòr agus canaidh sinn dealanaich ris.
- Nuair a thig dealanaich, teasaichidh e an èadhar gu mu 10,000°C.
- Bidh an èadhar a' teasachadh cho luath 's gum meudaich i gu h-obann ag adhbharachadh tonn-crithe, frith-bhuille mhòr, mhòr san èadhar. Cluinnidh sinn seo mar thàirneanaich.
Seo eisimpleirean de dhealanaich.

Image caption, Dealanaich sgaoilte
Thig dealanaich sgaoilte nuair a dh'fhàsas teàirrds dealain am broinn sgòth agus a shruthas e bho aon sgòth gu sgòth eile. Bidh e a' lasadh an adhair.

Image caption, Dealanaich gobhlach
Mar as trice, 's ann air dealanaich gobhlach a smaoinicheas sinn nuair a chluinneas sinn mu dhealanaich. 'S e teàirrds dealain a th' ann a bhios a' sruthadh bho sgòth a-nuas gu talamh air cùrsa cam-fhiarach.

Image caption, Ball-dhealanaich
'S e seòrsa de dhealanaich neònach, neo-àbhaisteach a th' ann am ball-dhealanaich coltach ri ball soillseach solais. Chan eil mìneachadh aig luchd-saidheans air carson a bhios e a' tachairt agus 's ann uabhasach ainneamh a chì sinn e.
1 of 3

- tàirneanaich - Tonn-crithe, frith-bhuille mhòr, mhòr san èadhar. Cluinnidh sinn seo mar thàirneanaich.
- dealanaich - Solas soillseach san adhar. Tha e air adhbharachadh nuair a chruinnicheas uiread de dhealan stadaigeach ann an sgòth 's gun siubhail sradag mhòr dealain eadar an sgòth agus an talamh no eadar sgòthan.
- dealan stadaigeach - Nuair a shuathas dà stuth eadar-dhealaichte na chèile agus a bhios teàirrds dealain ann. Mar eisimpleir, a' suathadh bailiùn ri do cheann no bìdeagan deighe a' bualadh na chèile am broinn sgòth.
- breab-dealain - Nuair a thèid sruth dealain tro bhodhaig chuideigin.
- tonn-crithe - Brùchdadh obann de lùth a' gluasad a-mach na thuinn, a' cur na h-èadhair mun cuairt air chrith.
Diofar sheòrsachan dhealanaich
- dealanaich sgaoilte - Dealanaich a' sruthadh eadar sgòthan agus a' lasadh an adhair.
- dealanaich gobhlach - Dealanaich sgorach a' sruthadh eadar sgòth agus an talamh.
- ball-dhealanaich - Seòrsa de dhealanaich neo-àbhaisteach nach fhaicear tric. Dealanaich ann an cruth ball soillseach dealain.
Ceistean

Cruthaich dealan stadaigeach le bailiùn.
'S e dealan stadaigeach – nuair a bhios dà stuth eadar-dhealaichte a' suathadh na chèile – a tha ag adhbhrachadh thàirneanaich is dealanaich.
Feuch fhèin air deuchainn dealan stadaigeach aig an taigh no anns a' chlasrum.
Feumaidh tu:
- bailiùn
- clobhda tioram
Dè nì thu:
- Suath am bailiùn mu 40 diog le pìos clobhda.
- Cùm am builiùn os cionn do chinn (gun suathadh ann) agus faic mar a tha d' fhalt steigte ris. 'S e dealan stadaigeach a tha ag adhbhrachadh seo.

More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count10 of 21

- count11 of 21

- count12 of 21
