Mòr-thurasachd
Comharran
Bidh mòr-thurasachd a' tachairt nuair a bhios mòran, mòran dhaoine a' tadhal air an aon àite aig an aon àm. Tha seo a' gabhail a-steach a bhith a' gabhail na grèine air tràigh, me Costa del Sol (An Spàinn), sgitheadh ann am beanntan mar Ailpean na h-Eilbheis, a' tadhal air Pàirc Nàiseanta mar Loch Laomainn agus na Trosaichean (Alba), no a' dol gu Pàirc Chur-seachadan, me ann am Florada. Glè thric bidh riaghaltasan agus muinntir an àite airson mòr-thurasachd oir bidh e a' cruthachadh tòrr teachd-a-steach. 'S e mòr-thurasachd glè thric an seòrsa turasachd as fheàrr le daoine oir, mar as trice, 's e an dòigh as saoire air a dhol air saor-làithean pacaids a chur air dòigh tro bhuidheann-siubhail.

Luchd-turais a' gabhail na grèine air tràigh
Adhbharan airson mòr-thurasachd
- Conaltradh nas fheàrr – siubhal adhair, rathaid agus rèile.
- Bailtean shaor-làithean, spàthan agus campaichean shaor-làithean air an togail a dh'aon ghnothaich.
- Barrachd ùine far obair le pàigheadh air sgàth Achd nan Saor-làithean Poblach 1871.
- Saor-làithean le pàigheadh – Achd Saor-làithean le Pàigheadh 1938.
- Barrachd ùine shaor airson siubhal agus saor-làithean aig an taigh agus thall thairis.
- Dòigh-beatha nas fheàrr agus barrachd teachd-a-steach airson a chosg.
- Companaidhean turais agus buidhnean siubhail ga dhèanamh nas fhasa a dhol air saor-làithean air sgàth phacaidsean a tha glè thric a' gabhail a-steach sgèith, siubhal agus biadh.
- Prògraman siubhail air an TBh agus làraich shòisealta air an eadar-lìon a' brosnachadh dhaoine gu bhith a' dol a dhiofar àitichean.
- Tha pacaidsean shaor-làithean agus companaidhean adhair saor a' ciallachadh gu bheil e nas saoire do mhòran dhaoine a dhol air saor-làithean.
- Tha beachdan air atharrachadh mu bhith a' dol a-null thairis oir tha comapanaidhean turais a' cur às dhen uallach le bhith a' fastadh riochdairean turais ann am bailtean shaor-làithean.
- Miann a dhol a dh'àitichean le gnàth-shìde eadar-dhealaichte agus grian gu leòr – air falbh bho shamhradh na h-Alba.
- Iarratas airson tadhal air diofar àitichean le eachdraidh, cultar, creideamh agus àrainneachd eadar-dhealaichte.