Eisimpleir 2
Bidh cuid de thurasan a' ciallachadh gun tadhail thu air barrachd air aon dùthaich.
Tha iomadh dùthaich san Roinn Eòrpa a' cleachdadh an iùro agus mar sin chan fheum thu airgead atharrachadh nuair a bhios tu a' siubhal eadar na dùthchannan sin. Ach chan eil a h-uile dùthaich san Roinn Eòrpa a' cleachdadh an iùro, agus ma tha thu gu bhith a' siubhal a-mach às an Roinn Eòrpa, feumaidh tu d' airgead atharrachadh gach turas a thèid thu a-steach a dhùthaich eile.
Tha Anne a' dol dhan Spàinn air saor-làithean, agus tha i an uair sin a' dol a thadhal air càirdean san Eilbheis. Tha \(\pounds400\) aice airson a chosg agus dh'atharraich i sin an toiseach gu iùrothan. ('S e an reat-iomlaid \(\pounds1 = \euro1.58\))
Chosg i \(\euro350\) san Spàinn.
Dh'atharraich i an còrr dhen airgead aice gu francan Eilbheiseach, an t-airgead a th' aca san Eilbheis. ('S e an reat-iomlaid \(1\,\text{iùro} = 1.45\,franc \,Eilbheiseach\).)
Ceist
Cia mheud franc Eilbheiseach a fhuair i?
Tha i a' pàigheadh coimisean de \(5\%\) a h-uile turas a tha i ag atharrachadh airgead.
Freagairt
A' dol dhan Spàinn
'S e an reat-iomlaid \(\pounds1 = \euro1.58\)
Sùim ann an iùrothan \( = 400 \times\,1.58 = \euro632\)
Cosgais coimisean \(= 5\%\,de\,632 = \euro31.60\)
Sùim an dèidh coimisean \(= 632 − 31.60 = \euro600.40\)
Chosg Anne \(\euro350\) san Spàinn.
Sùim air fhàgail aice \(= \euro600.40 − \euro350 = \euro250.40\)
A' dol dhan Eilbheis
'S àbhaist gur e airgead pàipeir a-mhàin a dh'fhaodas tu atharrachadh agus nach e buinn. Mar sin atharraichidh Anne \(\euro250\) gu francan Eilbheiseach nuair a thèid i dhan Eilbheis.
'S e an reat-iomlaid \(\euro1 = 1.45\,francan\,Eilbheiseach\)
Sùim ann am francan Eilbheiseach \(= 250 \times 1.45 = 362.50\) francan Eilbheiseach
Cosgais coimisean \(= 5\%\,de\,362.50 = 18.13\) francan Eilbheiseach
Sùim an dèidh coimisean \(= 362.50 − 18.13 = 344.37\) francan Eilbheiseach
Feuch a-nis a' cheist seo.
Question
Tha Ahmed a' dol dhan t-Suain agus a Nirribhidh air saor-làithean. Tha \(\pounds500\) aige airson a chosg agus dh'atharraich e sin an toiseach gu krona Suaineach. ('S e an reat-iomlaid \( \pounds1 = 13\,krona\, Suaineach\))
Chosg e \(3\,700\) krona Suaineach anns an t-Suain.
Dh'atharraich e an còrr dhen airgead aige gu krone Nirribheach. ('S e an reat-iomlaid \(1\) krona Suaineach \(= 0.90\,krone\, Nirribheach\))
Cia mheud krone Nirribheach a gheibh e?
Cha do phàigh e coimisean air dad.
A' dol dhan t-Suain
'S e an reat-iomlaid \(\pounds1 = 13\,krona\,Suaineach\)
Sùim ann an krona Suaineach \(= 500 \times 13 = 6500\)
Chosg Ahmed \(3\,700\) krona Suaineach anns an t-Suain.
Sùim air fhàgail aige \(= 6\,500 − 3\,700 = 2\,800\).
A' dol a Nirribhidh
'S e an reat-iomlaid \(1\,krona\,Suaineach\) \(= 0.90\,krone\,Nirribheach\)
Sùim ann an krone Nirribheach \(= 2\,800 \times 0.90 = 2\,520\)